Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Niall Mac a' Phearsain, 'Gleann Cuidheil', Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HCD_PHOTO_01254
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13130
KEYWORDS
Niall Mac a' Phearsain
èideadh Gàidhealach
Neil Macpherson, Glenquithel, Kyle of Lochalsh

Chaidh an dealbh camara seo de Niall Mac a' Phearsain, mac Cungaidhear A' Chaoil, Donnchadh Mac a' Phearsain, a thogail ann an gàrradh dachaigh an teaghlaich, 'Gleann Cuidheil', ann an Caol Loch Aillse agus e a' caitheamh fèileadh agus a' giùlan ceap. Bho bha e glè òg, bha Niall a' nochdadh ann am mòran de dheibh camara athair, oir bha e tric a' dol còmhla ri athair air turais coiseachd no baidhsagal san sgìre. Rugadh Niall ann an 1919 agus chaidh a thogail ann an Caol Loch Aillse, ach chaidh a mharbhadh gu mì-shealbhach nuair a bha e dìreach 24 mar thoradh air tubaist 's e a' dèanamh seirbheis aig16mh Armlann Gunnachan an Airm ann an Kent.

Rugadh Donnchadh Mac a' Phearsain air a' 24mh den Chèitean 1882 ann an Gleann Cuidheil, Siorrachd Obar Dheathain, ann an teaghlach de chòignear. Nuair a cheumnaich e mar chungaidhear, fhuair e eòlas-obrach air feadh Shasainn agus aig an spatha ann an Srath Pheofhair, is mu dheireadh chaidh e a dh'fhuireach a Chaol Loch Aillse ann an 1911. Stèidhich e bùth-chungaidhean faisg air cidhe na h-aiseig sa Chaol, agus bha ùidh mhòr aige ann a bhith a' togail deilbh camara, agus chur e seachas mòran de dh'ùine saor a' siubhal mun cuairt an sgìre a' clàradh seallaidhean-tìre agus seallaidhean de bheatha làitheil ann an coimhearsnachd A' Chaiol. Phòs Donnchadh Mairead NicÌomhair, nighean a bhuinneadh dhan sgìre, agus bha nighean aca, Màiri, agus mac, Niall.

Fhuair Donnchadh ùine cuideachd airson trì leabhraichean a sgrìobhadh agus foillseachadh, 'Gateway to Skye' ann an 1946, 'Lure of the Wst' ann an 1950 agus 'Where I Belong' ann an 1964. Rinn e cairtean puist bho chuid de a dheilbh agus bho 1927 gu 1960 rinn e 'Vest Pocket Guide' don Eilean Sitheanach agus Loch Aillse. Bha clàran-ama airson aiseagan, fiosrachadh mu thaighean-òsta agus osdailean, agus làraich le ùidh eachdraidheil a thuilleadh air sgeulachdan èibhinn anns an fhoillseachadh bliadhnail seo. Tha e follaiseach bho a leabhraichean gun robh ùidh dhealasach aig Donnchadh Mac a' Phearsain na choimhearsnachd ionadail, a' gabhail pàirt gu dealasach ann an diofar ghnìomhan gus an do bhàsaiche aig aois 84 ann an 1966.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Niall Mac a' Phearsain, 'Gleann Cuidheil', Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1930an

Niall Mac a' Phearsain; èideadh Gàidhealach

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)