- TIOTAL
- Luchd-obrach agus sgoilearan aig Àrd-sgoil A' Phluic
- EXTERNAL ID
- HCD_PHOTO_01261
- ÀITE
- Am Ploc
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 1940s
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13137
- KEYWORDS
- sgoil
sgoilearan
bailtean
foghlam

Tha Màiri Nic a' Phearsain (Hudson an dèidh seo) anns an dealbh seo na seasamh aig fìor thaobh chlì an treas sreath bhon aghaidh a' caitheamh seacaid spaideil air muin a geansaidh le amhach àrd. B' e an nighean aig Donnchadh Mac a' Phearsain, an Cungaidhear ann an Caol Loch Aillse, a bh' ann am Màiri, agus b' e neach-togail dheibh dealasach a bh' ann agus chan eil teagamh nach e a thog an dealbh camara seo de na sgoilearan agus na tidsearan. Fhuair Màiri a foghlam ann am Bun-sgoil Uachdar Thìre agus Àrd-sgoil A' Phluic mus do cheumnaich i à Oilthigh Obar Dheathain. Bha i a' teagasg ann an Oxford agus san Eilbheis ach thill i dhan Chaol nuair a dh'fhàs a màthair tinn. An dèidh dha a màthair bàsachadh, bha Màiri a' teagasg gu h-ionadail, nam measg sin Beurla ann an Àrd-sgoil A' Phluic, agus bha i na Ceannard-sgoile ann an Sgoil An Dòrnaidh.
Chaidh togalach tùsail na sgoile anns A' Phloc, suidhichte ann am meadhan a' bhaile mu choinneamh an taigh san dealbh, a thogail le Alasdair Ross ann an 1858 dha Alasdair MacMhathain, sealbhadair Oighreachd Loch Aillse. B' e an Àrd-sgoil airson an sgìre a bh' ann, le clasaichean bun-sgoile gan teagasg ann an àiteachan eile sa bhaile. Chaidh sgoil ùr a thogail ann an 1964 agus b' e a' Bhun-sgoil a bh' anns an togalach tùsail an uair sin.
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives