Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid a' Chala, Am Ploc
EXTERNAL ID
HCD_PHOTO_01263
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920s
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13139
KEYWORDS
baile
daine
eaglais
turasachd
Harbour St., Plockton

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn Sràid a' Chala anns A' Phloc tràth anns na 1920an, a' lùbadh timcheall cladhach an òib fasgach ann an Loch Carran. Chaidh a' chuid as motha de na taighean seo a thogail anns an 19mh linn, agus ged a tha coltas air cuid dhuibh gu bheil tughadh orra fhathast, tha an tughadh air feadhainn eile air falbh agus tha iarann preasach no sgèat an àite an tughaidh. Air an làimh dheis, tha cuideigin a' sìneadh a-mach an uinneag, ach chan eil a' clann anns an t-sràid gu h-ìosal a' toirt aire sam bith dhaibh. A rèir coltais, tha barrachd ùidh aig a' bhalach beag anns an each agus cairt a tha dìreach air a dhol seachad. Dh'fhaodadh gur e teaghlach an neach-togail-dhealbh, Mairead Nic a' Phearsain, Niall agus Màiri, a bhiodh tric a' dol còmhla ri Donnchadh Mac a' Phearsain air a thurais à Caol Loch Aillse, a' chlann agus am màthair a th' anns an dealbh.

'S e an t-seann Eaglais Shaor air Sràid Innis a chaidh a thogail ann an 1845 ach a chaidh atharrachadh gu flataichean ann an 1993, an togalach leis a' ghèbhil dùbhailte ann an cùl an deilbh air an làimh chlì. Tha am baile àlainn seo an-diugh na cheann-uidhe a tha a' còrdadh ri mòran luchd-turais, le mòran de na taighean nan dàrna dachaigh, no a' toirt àite-fuirich fèin-frithealaidh.

Chaidh Am Ploc a stèidheachadh le Iarla Shìophrt ann an 1794 agus dùil aige mòran de a luchd-gabhaltais fhuadach bhon fheaarann bu thoraiche, ach dh'fheumaist an oighreachd a reic gus fhiachan a phàigheadh. Chaidh an suidheachadh aithneachadh mar àite a bhiodh freagarrach airson stèisean iasgaich ann an sgrùdadh dha Comann Bhreatainn airson Iasgach a dhol am Feabhas agus chaidh am baile a phlannadh le seo san amas. Lean an sealbhadair ùr Sir Ùisdean Innis air le na planaichean ann an1801 agus chruthaich e am baile dha a chroitearan gabhalrais a chaidh fhuadach bho àitichean eile air an oighreachd.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid a' Chala, Am Ploc

ROS: Loch Aillse

1920s

baile; daine; eaglais; turasachd

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)