Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Donnchadh agus Niall Mac a' Phearsain, Am Ploc
EXTERNAL ID
HCD_PHOTO_01266
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930s
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13142
KEYWORDS
baile
Am Ploc
cungaaidhear
sealladh-tìre
àiteachas
sgoil
Duncan and Neil Macpherson, Plockton

Tha Donnchadh Mac a' Phearsain, cungaidhear A' Chaoil agus neach-togail-dhealbh dealasach, san dealbh seo aig an àite-seallaidh air Creag nan Garadh còmhla ri a mhac Niall. Tha baile A' Phlui a' shìos bhuapa le Loch Carrann agus cnuic leth-eilean na Comraich air a chùlaibh. Chleachd Mac a' Phearsain an dealbh camara seo na leabhar 'Lure of the West', a chaidh fhoillseachadh ann an 1950, leis an tiotal "Plockton from the Heights". Tha e ag ràdh "Beneath stretched the beautiful village curving round the shore. In the background were cultivated fields, and in the distance beyond the loch, the great forest of Applecross. Far below, looking like the product of a meccano toy set, stood the school buildings." 'S e Sgoil Àrd Ìre A' Phluic an togalach mòr air taobh clì iosal an deilbh camara.

Bho bha e glè òg, bha Niall a' nochdadh ann am mòran de dheibh camara athair, oir bha e tric a' dol còmhla ri athair air turais san sgìre. Rugadh Niall ann an 1919 agus chaidh a thogail ann an Caol Loch Aillse, ach chaidh a mharbhadh gu mì-shealbhach nuair a bha e dìreach 24 mar thoradh air tubaist 's e a' dèanamh seirbheis aig16mh Armlann Gunnachan an Airm ann an Kent.

Rugadh Donnchadh Mac a' Phearsain air a' 24mh den Chèitean 1882 ann an Gleann Cuidheil, Siorrachd Obar Dheathain, ann an teaghlach de chòignear. Nuair a cheumnaich e mar chungaidhear, fhuair e eòlas-obrach air feadh Shasainn agus aig an spatha ann an Srath Pheofhair, is mu dheireadh chaidh e a dh'fhuireach a Chaol Loch Aillse ann an 1911. Stèidhich e bùth chungaidhean faisg air cidhe na h-aiseig sa Chaol, agus bha e cuideachd a' leantainn an ùidh shònraichte a bh' aige ann a bhith a' togail deilbh camara, a' cur seachad mòran de dh'ùine saor a' siubbhal mun cuairt na sgìre a' clàradh seallaidhean-tìre agus seallaidhean de bheatha làitheil ann an coimhearsnachd A' Chaoil. Phòs Donnchadh Mairead NicÌomhair, nighean às an sgìre, agus bha nighean aca, Màiri, agus mac, Niall.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Donnchadh agus Niall Mac a' Phearsain, Am Ploc

ROS: Loch Aillse

1930s

baile; Am Ploc; cungaaidhear; sealladh-tìre; àiteachas; sgoil

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)