Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dhùn na Creige
EXTERNAL ID
HCD_PHOTO_01268
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13144
KEYWORDS
caisteal
taigh mòr
sealladh farsaing
oighreachd
Duncraig Castle

ChithearCaisteal Dhùn na Creige an seo ann an dealbh camara sealladh farsaing a chaidh a thogail le Donnchadh Mac a' Phearsain, Cungaidhear A' Chaoil. Chaidh an caisteal a thogail dha Sir Alasdair MacMhathain (1805-1886) ann an 1866 an dèidh dhan an taigh aige ann an InbhirIonaid a bhith air a sgrios le teine. Tha a shuidheachadh, a' coimhead thar Loch Carrann agus baile A' Phluic, a' cur ri a choltas drùidhteach. B' ann aig Sir Alasdair a bha sealbh air mòran de Loch Aillse aig an àm, an dèidh dha a bhith air fhortan a dhèanamh san àirde an Ear le Jardine MacMhathain & Co. Reic a mhac, Sir Coinneach MacMhathain,pàirt de dh'oighreachd Loch Aillse ri Sir Daniel Hamaltan, uachdaran air leth coibhneil, a dh'fhàg an Caisteal aig a' Chomhairle Siorrachd Ionadail nuair a bhàsaich e ann an 1939. Bha e air a chleachdadh mar Ospadal a' Chabhlaich Rìoghail aig àm an Dàrna Cogaidh agus mar cholaiste airson eòlas-dachaigh dha nigheanan eadar 1945 agus 1989. An dèidh sin tha sgeulachd iolarach air a bhith aig a' chaisteal, an-dràsta 's a-rithist air a chleachdadh mar stèidh airson companaidhean telebhisean agus fiolm agus a' fulang bliadhnaichean de dhearmad fhad 's a bha deasbadan fada air an cumail mu dè bha an dàn dha. Chaidh a dhèanamh suas as ùr mean air mhean le teaghlach à meadhan Shasainn, na Dobsons, a cheannaich an togalach ann an 2003 agus bha iad nan cuspair airson sreath de phrògraman telebhisean a bha a' leantainn an oidhirpean fuireach anns a' chaisteal agus còmhla ri chèile. Tha an caisteal an-diugh (2011) ag obrachadh mar thaigh-aoigheachd agus àite airson pòsaidhean.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dhùn na Creige

ROS: Loch Aillse

caisteal; taigh mòr; sealladh farsaing; oighreachd

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)