Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Armadail
EXTERNAL ID
HCD_PHOTO_01270
ÀITE
Armadal
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Slèite
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13145
KEYWORDS
caisteal
taigh mòr
Slèite
cinneadh
MacDhòmhnaill
Armadale Castle

Tha Clann Dòmhnaill air a bhith an làthair san Eilean Sgitheanach bhon 15mh linn, agus ann an Armadal bho na 1650an. Chaidh taigh mòr a chaidh a thogail anns na 1790an a leudachadh leis an ailtire cliùiteach Seumas Gilleasbaig Greumach ann an 1815 gus Caisteal Armadail a dhèanamh, le seòmraichean poblach mòr, mullaichean boghaichte le stìoman-oire eadar-fhighte agus staidhre eireachdail le uinneag glainne dathte de Shomhairle, prìomh-athair a' chinnidh. Chaidh an caisteal a shuidheachadh ann an gàrraidhean dealbhaichte le gàrradh le balla agus rathad eireachdail, taobh a-staigh oighreachd fharsaing Clann Dòmhnaill. Ann an 1855, chuir teine às do mhòran dhen togalach a bh' ann o thùs ach chaidh an earrann meadhan a chithear an-diugh a thogail an àite pàirt dhen togalach a chaidh na theine, a rèir dealbhachadh le Dàibhidh Bryce. Dh'fhàg teaghlach nan Dòmhnallach an caisteal ann an 1925 agus ghluais iad gu taigh na bu lugha faisg air làimh agus thuit an togalach bhuaithe mean air mhean. Chaidh Oighreach Clann Dòmhnaill a cheannach ann an 1971 le Urras Clann Dòmhnaill, a chaidh a stèidheachadh agus a tha a' faighinn taic bho bhuill de Chlann Dòmhnaill air feadh an t-saoghail, agus airson adhbharan sàbhailteachd chaidh na bha air fhàgail den chaisteal a thoirt às a chèile ann an 1980, a' cruthachadh tobhte shnaighte..

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Armadail

INBHIR NIS: Slèite

caisteal; taigh mòr; Slèite; cinneadh; MacDhòmhnaill

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)