Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Niall Mac a' Phearsain
EXTERNAL ID
HCD_PHOTO_01274
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930s
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13148
KEYWORDS
Niall Mac a' Phearsain
briogais-poca
Neil Macpherson

Tha Niall Mac a' Phearsain, mac Dhonnchaidh Mac a' Phearsain, an cungaidhear agus an neach-togail-dhealbh às A' Chaol, na sheasamh airson a' chamara aig athair, 's dòcha ann an gàrradh dachaigh an teaghlaich, 'Gleann Cuidheil' ann an Caol Loch Aillse. Tha e a' caitheamh briogais-pòca mar phàirt de a dheise clò. Bho bha e glè òg, tha Niall a' nochdadh ann am mòran de dheibh camara athair, oir bha e tric a' dol còmhla ri athair air turais coiseachd no baidhsagal san sgìre. Rugadh Niall ann an 1919 agus chaidh a thogail ann an Caol Loch Aillse, ach chaidh aa mharbhadh gu mì-shealbhach nuair a bha e dìreach 24 mar thoradh air tubaist 's e a' dèanamh seirbheis aig 16mh Armlann Gunnachan an Airm ann an Kent.

Tha an dealbh camara seo air a chlò-bhualadh mar chairt-puist, leis an cùl air a roinn airson conaltradh agus seòladh, ach chan eil coltas ann gun robh e air a chleachdadh airson sin. Dh'fhaodadh gun robh Donnchadh Mac a' Phearsain a'cleachdadh cairt a bha air fhàgail bho bhith a' clo-bhualadh cairtean-puist bho dheibh camara a bha e a' reic na bhùth Chungaidhean sa Chaol.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Niall Mac a' Phearsain

ROS: Loch Aillse

1930s

Niall Mac a' Phearsain; briogais-poca

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)