Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàta-smùide Pleadhaig "Glencoe"
EXTERNAL ID
HCD_PHOTO_01276
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920an; 1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13150
KEYWORDS
bàta-smùide
bàta-smùide pleadhaig
'Glencoe'
caiptean
baile
Todd agus MacGriogair
Paddle Steamer "Glencoe"

Tha nota air a sgrìobhadh le làimh air cùl an deilbh camara seo a' leughadh "Glencoe" (85 years old) a' fàgail Caol Loch Aillse. Ma tha seo gun teagamh fìor, feumaidh gun robh an t-soitheach air aon de na turais mu dheireadh air Seirbheis Puist Phort Rìgh, oir rinn i an turas mu dheireadh ann an 1931 agus chaidh a briseadh suas ann an Àrd Rosain goirid an dèidh sin.

Bha cuimhneachain dèidheil aig Donnchadh Mac a' Phearsain, an cungaidhear agus am fear togail dhealbh dealasach ann an Caol Loch Aillse air an "old Glencoe" agus sgrìobh e na leabhar 'Gateway to Skye' a' toirt iomradh air turas a Ghleann Eilg air bòrd an "vetran paddle-boat".Tha e a' clàradh gun robh "it sailed daily between Portree and Mallaig, calling at Raasay, Broadford, and Kyle of Lochalsh" agus "although its arrival was a daily occurrence, the event never failed to rouse fresh wonder, fresh excitement".Bha Caiptean Baxter a' seasamh gu furachail air an drochaid mar a bha iad a' seòladh sìos Loch Aillse, fhad 's bha Mac a' Phearsain agus feadhainn den luchd-siubhail eile nan seasamh air an deic air an sgaradh bho threud chaorach le cnap-starra fiodha.

Chaidh an "Glencoe" a thogail ann an 1846 le Tod agus MacGriogair dha Sir Seumas MacMhathain, agus an toiseach b' e "Mary Jane" an t-ainm a bh' oirre an dèidh bean an t-sealbhadair. Chaidh a h-ath-ainmeachadh "Glencoe" an dèidh dhith a bhith air a nuadhachadh ann an 1875, agus an dèidh sin bha i air a dèanamh nas fhaide agus air a h-atharrachadh gu bàta-smùide salùn, a' seòladh air diofar shlighean air an taobh an iar dha Daibhidh Hutcheson & Co, agus an dèidh sin dha Mac a' Bhruthainn.

Tha "Glencoe" san dealbh seo agus i dìreach air cidhe A' Chaoil fhàgail agus ia a' seòladh a-mach dhan Chaolas le Caol Àcainn air an làimh chlì air cùlaibh an gheat a tha air acair, agus An Cuiltheann aig astar.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàta-smùide Pleadhaig "Glencoe"

ROS: Loch Aillse

1920an; 1930an

bàta-smùide; bàta-smùide pleadhaig; 'Glencoe'; caiptean; baile; Todd agus MacGriogair

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)