Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Càr air an aiseag ann an Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HCD_PHOTO_01280
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920an; 1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13154
KEYWORDS
seirbheis aiseig
carbad
seann chàr
fear-aiseig
Car on ferry at Kyle of Lochalsh

Tha an clàr-tionndaidh agus na rampaichean air an dèanamh tèarainte air an aiseag ann an Caol Loch Aillse mu fhalbh i tarsainn a' chaolais gu Caol Àcainn san Eilean Sgitheanach. Bha an t-siostam seo de bhith a' cur carbad shingilte air bàta fosgailte ann airson iomadh bliadhna sa Chaol, agus b' e piseach mòr a bh' ann an taca ri bàta-ràmh le clàran fiodha ceangailte ri beul a' bhàta. Dh'fhaodadh gun robh an càr daor san dealbh, le 's dòcha le chauffeur aig a' chuibhle, agus an neach leis a bheil an car a' coimhead gu faiceallach tron uinneg, a bhith air a bhith a' feitheamh airson ùine mus d' fhuair iad thairis.

Tha aiseag air a bhith sa Chaol airson linntean. Tha Alasdair Mac a' Ghobhainn a' toirt cunntas soilleir air a bhith a'cleachdadh an t-slighe na leabhar 'A Summer in Skye', a' ruighinn Caol Àcainn bog fliuch le a bhgaichean a cheart cho fluich an dèidh dhaibh a bhith air cur sìos san uisge aig bonn a' bhàta a bha ag aodion. Mar a chaidh an t-suim trafaig suas leis an rèile a' ruighinn A' Chaoil ann an 1897, rathaidean nas fheàrr agus barrachd dhaoine le càraichean, chaidh na h-aiseagan a leasachadh ann am meud agus barrachd sheòlaidhean. Mu dheireadh chaidh seirbheis ceithir uairean thar fichead a thoirt a-steach, le dà bhàta-aiseag 'roll-on roll-off' air an t-slighe ann an mìosan trang an t-samhraidh. Stad an t-seirbheis nuair a dh'fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich san Dàmhair 1995.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Càr air an aiseag ann an Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1920an; 1930an

seirbheis aiseig; carbad; seann chàr; fear-aiseig

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)