Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Teaghlach Mac a' Phearsain, Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HCD_PHOTO_01281
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930s
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13155
KEYWORDS
gàrradh' Mac a' Phearsain
daoine
Macpherson Family, Kyle of Lochalsh

Tha Mairead Nic a' Phearsain na seasamh aig mullach an staidhre a tha a' dol sìos dhan ghàrradh bhon taigh aice, 'Gleann Cuidheil', ann an Caol Loch Aillse. Tha an nighean aice, Màiri, a' caitheimh dheise shoilleir na sasamh foidhpe le a h-aghaidh air a' chamara, le aon de shia peathraichean Mairead san ath àite san loidhne agus Niall, mac Mairead, san àite as fhaisge air a' chamara. Chan eil teagamh nach deach an cur nan àiteachan le Donnchadh Mac a' Phearsain, an duine aig Mairead, Cungaidhear A' Chaoil agus neach-togail-dhealbh dealasach.

Thog Donnchaidh Mac a' Phearsain 'Gleann Cuidheil' air leathad creagach os cionn a' bhaile goirid an dèidh dha gluasad a Chaol Loch Aillse ann an 1911. B' e seo dachaigh an teaghlaich airson a' chòrr de bheatha, agus chur a nighean, Màiri, seachad na bliadhnaichean mu dheireadh de a beatha san taigh. Bha Màir ag obair ann an Qxford agus Geneva, ach thill i dhachaigh nuair a dh'fhàs a màthair tinn. Bhàsaich Mairead ann an 1951, 's dòcha nach d' fhuair i a-riamh thairis air bàs Nèill ann an 1944 aig aois 24, agus e ann an seirbheis còmhla ris an 16mh Armlann Gunnachan an Airm ann an Kent. Bhàsaich Màiri fhèin ann an 2007, an dèidh dhith a' chuid mhòr de chruineachadh a h-athair a thoirt dha Tasglann an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Teaghlach Mac a' Phearsain, Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1930s

gàrradh' Mac a' Phearsain; daoine

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)