Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gàrradh 'Gleann Cuidheil'
EXTERNAL ID
HCD_PHOTO_01283
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920s
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13157
KEYWORDS
gàrradh
baile
taighean
Cungaidhear
ceimigear
Glenquithel garden

Chaidh an dealbh camara seo de Màiri agus Niall Mac a' Phearsain a thogail ann an gàrradh dachaigh an teaghlaich le an athair, Donnchadh Mac a' Phearsain, air latha blàth samhraidh ann an Caol Loch Aillse. Rugadh Donnchadh Mac a' Phearsain air a' 24mh den Chèitean 1882 ann an Gleann Cuidheil, Siorrachd Obar Dheathain, ann an teaghlach de chòignear. Nuair a cheumnaich e mar chungaidhear, fhuair e eòlas-obrach air feadh Shasainn agus aig an spatha ann an Srath Pheofhair, is mu dheireadh chaidh e a dh'fhuireach a Chaol Loch Aillse ann an 1911. Stèidhich e bùth chungaidhean faisg air cidhe na h-aiseig sa Chaol, agus thog e an taigh san dealbh air leathad fosgailte os cionn a' bhaile agus thug e 'Gleann Cuidheil' air an dèidh an àite san do rugadh e. Tha an taigh agus an gàrradh a' nochdadh ann am mòran de a dheilbh camara, gu h-àraidh le buill de a theaghlach, a bhean Mairead agus an dithis chloinne.

Thog Mac a' Phearsain a theaghlach agus chur e seachad a' chòrr de bheatha ann an 'Gleann Cuidheil' gus an do bhàsaich e ann an 1966, agus chur a nighean, Màiri, (1917-2007) seachad a bliadhnaichean mu dheireadh an sin cuideachd. Rugadh Niall, ri aghaidh an deilbh fon ògan geanmchnò, ann an 1919 agus chaidh a thogail sa Chaol, ach chaidh a mharbhadh gu mì-shealbhach nuair a bha e dìreach 24 mar thoradh air tubaist 's e a' dèanamh seirbheis aig16mh Armlann Gunnachan an Airm ann an Kent.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gàrradh 'Gleann Cuidheil'

ROS: Loch Aillse

1920s

gàrradh; baile; taighean; Cungaidhear; ceimigear

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)