Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Donnchadh Mac a' Phearsainagus Màiri Nic a' Phearsain
EXTERNAL ID
HCD_PHOTO_01285
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1910s
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13159
KEYWORDS
athair
nighean
Cungaidhear
ceimigear
gàrradh
Duncan and Mary Macpherson

A rèir coltais chan eil Màiri Nic a' Phearsain ach mu dhà no trì san dealbh camara seo, agus i air a cumail gu teann san t-suidheachan le a h-athair Donnchadh Mac a' Phearsain. Tha an dealbh camara seo air a thogail ann an gàrradh dachaigh an teaghlaich, 'Geann Cuidheil', ann an Caol Loch Aillse, agus thathas den bheachd gur e màthair Màiri, Maiead a thog e. Rugadh Donnchadh Mac a' Phearsain air a' 24mh den Chèitean 1882 ann an Gleann Cuidheil, Siorrachd Obar Dheathain, ann an teaghlach de chòignear. Nuair a cheumnaich e mar chungaidhear, fhuair e eòlas-obrach air feadh Shasainn agus aig an spatha ann an Srath Pheofhair, is mu dheireadh chaidh e a dh'fhuireach a Chaol Loch Aillse ann an 1911. Stèidhich e bùth chungaidhean faisg air cidhe na h-aiseig sa Chaol, agus thog e an taigh san dealbh air leathad fosgailte os cionn a' bhaile agus thug e 'Gleann Cuidheil' air an dèidh an àite san do rugadh e. Tha an taigh agus an gàrradh a' nochdadh ann am mòran de a dheilbh camara, gu h-àraidh le buill de a theaghlach, a bhean Mairead, a nighean Màiri agus a mhac Niall. Thog Mac a' Phearsain a theaghlach agus chur e seachad a' chòrr de bheatha ann an 'Gleann Cuidheil' gus an do bhàsaich e ann an 1966, agus chur a nighean, Màiri (1917 - 2007), seachad a bliadhnaichean mu dheireadh an sin cuideachd.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Donnchadh Mac a' Phearsainagus Màiri Nic a' Phearsain

ROS: Loch Aillse

1910s

athair; nighean; Cungaidhear; ceimigear; gàrradh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)