Ùrachadh mu Dheireadh 06/12/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - deasbad le H. Barber & Mac, 1953
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_079
DEIT
24 An t-Ògmhios 1953
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
1316
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
iasgach a' bhradain mara
bradan
gnìomhachas a' bhradain
iasgach a' bhric
breac
iasgach le lìon
West Highland Salmon Fisheries Co. - dispute with H. Barber & Son, 1953

Bhiodh Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar air an Eilean Sgitheanach a' cur èisg air falbh air feadh na dùthcha gu mòr-reiceadairean, gu reiceadairean èisg neo-eisimileach agus gu daoine prìobhaideach. Mar bu trice dheidheadh an stuth air an rèile no tron phost. Le ceudan tunnaichean èisg ga ghluasad air feadh na tìre, cha b' e rud neo-àbhaisteach a bh' ann gum biodh connspaid ann mu àireamhan is cuideaman nach robh ceart, am beachd dhaoine.

San litir seo tha còmhradh ann mu chonnspaid a bha eadar Seumas Banks agus mòr-reiceadairean an èisg, H. Barber & Mic, ann am Margaid Bhillingsgate, Lunnainn. Chaidh a' chùis seo a thogail an toiseach ann an litir o Bharber an 3mh Ògmhios, litir a bha a' freagairt ceist a chuir Banks orra mu chuideam luchd èisg a ràinig thuca a' mhìos roimhe. Tha Barber a' cur an cuimhne Bhanks gu bheil seachdadh nàdarra san iasg tro làithean a' ghiùlain a dh'fhaodadh a bhith cho mòr ri call cuideim de 2.5%. Tha e cuideachd a' faighneachd a bheil cuideam ceart nam bogsaichean fhèin aig Banks, bhon tha e ag ràdh gu faod cuideam a' bhogsa-èisg cuideachd atharrachadh le aois is le cleachdadh. Fhreagair Seumas Banks gu robh e cinnteach às na figearan a bh' aige. Thàinig Barber air ais leis an fhreagairt gu robh Banks ro chinnteach às na cuideaman, ach chuir e air adhart gun gabhadh iad ris an eadar-dhealachadh agus gun roinneadh iad e eadar an dithis.

Tha Banks, san litir seo shuas de 24mh Ògmhios, ga dhèanamh follaiseach nach eil e toilichte le Barber, gu robh e air ... 'destroyed our confidence in your firm' agus gu h-ain-deònach dh'aontaich Banks ri roinn den chall. Tha Banks a' dol air adhart ag innse mu na duilgheadasan a th' ann a' cur èisg às an Eilean Sgitheanach gus an ruig e don mhargaid ann an deagh staid. Tha e a' criochnachadh le bhith 'g innse gum b' e seo an seusan a bu mhiosa a bh' aige bho thàinig e dhan Eilean. An dèidh gach cùis, bha Banks a' ruith gnothachais a bha buailteach fulang o chùisean aig nach robh smachd sam bith aige agus a bha a' tarraing chosgaisean mòra le tòrr luchd-obrach agus bàtaichean agus uidheam ri chumail suas. Ach bho nach robh Banks airson a dhol a-mach air mòr-reiceadair leis an robh e ag obair fad iomadh bliadhna, dh'aontaich e gum biodh an uimhir mun robh a' chonnspaid air a roinn co-ionnann eatorra.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.)

Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:

Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - deasbad le H. Barber & Mac, 1953

1950an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; iasgach a' bhric; breac; iasgach le lìon

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)