Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Màiri Nic a' Phearsain agus Niall Ma a' Phearsain
EXTERNAL ID
HCD_PHOTO_01286
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920s
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13160
KEYWORDS
clann
dèideagan
gàrradh
cungaidhear
ceimigear
Mary and Neil Macpherson

Tha Màiri agus a bràthair beag Niall nan suidhe airson a' chamara, a tha gun teagamh air a chumail len athair Donnchadh Mac a' Phearsain, an Cungaidhear ann an Caol Loch Aillse agus neach-togail-dhealbh dealasach. Tha Màiri 's dòcha mu shia agus Niall, a rugadh ann an 1919, mu thrì. A rèir coltais tha iad a' cluich ann an gàrradh an dachaigh, 'Gleann Cuidheil', anns A' Chaol, a thog an athair air leathad lom os cionn a' bhaile goirid an dèidh dha a thighinn dhan Chaol ann an 1911. Tha an taigh air ainmeachadh an dèidh an àite san do rugadh e, Gleann Cuidheil ann an Siorrachd Obar Dheathain.

Chaidh an dithis chloinne a thogail anns an sgìre agus fhuair iad am foghlam an sin cuideachd. Chaidh iad do Sgoil Àrd Ìre A' Phluic airson am foghlam àrd-sgoile. An dèidh dhith ceumnachadh à Oilthigh Obar Dheathain, bha Màiri a' teagasg ann an Oxford agus san Eilbheis ach thill i dhan Chaol nuair a dh'fhàs a màthair tinn. An dèidh dha a màthair bàsachadh, bha i a' teagasg gu h-ionadail, nm measg sin Beurla ann an Sgoil A' Phluic, agus bha i na Ceannard-sgoile ann an Sgoil An Dòrnaidh. Bha i a' fuireach ann an 'Gleann Cuidheil' gus an do bhàsaich i sa Mhàirt 2007.

Chaidh Niall a mharbhadh gu mì-shealbhach nuair a bha e dìreach 24 mar thoradh air tubaist 's e a' dèanamh seirbheis aig16mh Armlann Gunnachan an Airm ann an Kent.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Màiri Nic a' Phearsain agus Niall Ma a' Phearsain

ROS: Loch Aillse

1920s

clann; dèideagan; gàrradh; cungaidhear; ceimigear

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)