Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mairead Nic a' Phearsain
EXTERNAL ID
HCD_PHOTO_01289
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920s
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13163
KEYWORDS
MacÌomhair
Mairead Nic a' Phearsain
Margaret Macpherson

Tha Mairead Nic a' Phearsainn na sìneadh ann an hamag air latha samhraidh ann an Caol Loch Aillse, 's dòcha aig deireadh na 1920an. B' e bean cungaidhear a' Chaoil agus neach-togail-dhealbh dealasach, Donnchadh Mac a' Phearsain, a bh' innte. B' e àite a bha a' còrdadh riutha airson a bhith a' togail deilbh camara an teaghlaich a bh' ann an garradh 'Gleann Cuidheil, agus tha e a' nochdadh gu riaghailteach bho bha e aig a' chiad ìrean de leasachadh, leathad creagach lom le an clann òga, Màiri agus Niall a' cluich, gu deireadh na 1950an le craobhan agus preasan abaich mun cuairt air an taigh.

B' e aon de theaghlach mòr a rugadh do Iain MacÌomhair, sàirdseant poilis, agus a bhean Màiri, 's dòcha ann an Leòdhas, a bh' ann am Mairead Nic a' Phearsain. Phòs i fhèin agus Donnchadh, a bha deich bliadhna na bu shinne na i, ann an 1916 ann an Eaglais na h-Alba sa Chaol, le a piuthair Criosaidh agus bràthair Dhonnchaidh, Iòsaph, mar fhianaisean. Rugadh an nighean aca Màiri ann an 1917 agus an uair sin am mac, Niall ann an 1919. Nuair a dh'fhàs Mairead tinn, thill Màiri dhachaigh gus cuideachadh a' coimhead às a dèidh gus an do bhàsaich i ann an 1951.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mairead Nic a' Phearsain

ROS: Loch Aillse

1920s

MacÌomhair; Mairead Nic a' Phearsain

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)