Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Màiri, Mairead agus Donnchadh Mac a' Phearsain
EXTERNAL ID
HCD_PHOTO_01290
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920s
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13164
KEYWORDS
Mac a' Phearsain
cungaidhear
ceimigear
sgàilean-grèine
Mary, Margaret and Duncan Macpherson

'S dòcha gun deach an dealbh camara seo den teaghlach Mac a' Phearsain a' gabhail fois anns a' ghàrradh aca ann an Caol Loch Aillse a thogail le am mac, Niall. Bha athair, Donnchadh Mac a' Phearsain mar as trice air cùlaibh a' chamara agus 's ann ainneamh a bha e a' nochdadh ann an deilbh camara, ach tha e a' coimhead aig fois le a nighean, Màiri, anns an hamag, agus a bhean Mairead a' coimhead thar a ghualainn. Phòs iad ann an 1916, agus rugadh Màiri an ath bhliadhna, agus an uair sin Niall ann an 1919.

Rugadh Donnchadh Mac a' Phearsain air a' 24mh den Chèitean 1882 ann an Gleann Cuidheil, Siorrachd Obar Dheathain, ann an teaghlach de chòignear. Nuair a cheumnaich e mar chungaidhear, fhuair e eòlas-obrach air feadh Shasainn agus aig an spatha ann an Srath Pheofhair, is mu dheireadh chaidh e a dh'fhuireach a Chaol Loch Aillse ann an 1911. Stèidhich e bùth-chungaidhean faisg air cidhe na h-aiseig sa Chaol, agus thog e an taigh san dealbh air leathad fosgailte os cionn a' bhaile agus thug 'Gleann Cuidheil' air an dèidh an àite san do rugadh e. Tha an taigh agus an gàrradh a' nochdadh ann am mòran de a dheilbh camara, gu h-àraidh le buill de a theaghlach, agus tha an hamag anns a bheil Màiri na sìneadh a' nochdadh ann an ìomhaighean eile.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Màiri, Mairead agus Donnchadh Mac a' Phearsain

ROS: Loch Aillse

1920s

Mac a' Phearsain; cungaidhear; ceimigear; sgàilean-grèine

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)