Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clàr-dùthcha Suirbhidh Òrdanais Harapul 2006
EXTERNAL ID
HCD_POCKETMUSEUM_030
ÀITE
Harapul
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
DEIT
2006
LINN
2000an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13178
KEYWORDS
Taigh-tasgaidh na Pòcaid
taighean-tasgaidh
Leabharlann Chlann Dòmhnaill
leabharlannan
oighreachdan
Dòmhnallaich
An t-Eilean Sgìtheanach
Armadal
Slèite
clàran dùthcha
Suirbhidh Òrdanais
croitean
croitearachd
bailtean
Harapul
zoomable

Tha an clàr-dùthcha Suirbhidh Òrdanais seo bho 2006, a' sealltainn mion-fhiosrachadh mu bhaile Harapul. Chithear na croitean gu soilleir.

Chaidh a' chiad chlàr-dùthcha Suirbhidh Òrdanais den Eilean Sgìtheanach a dhèanamh sna 1870an leis an dàrna suirbhidh dèante ann an 1903. Bha clàran dùthcha gan dèanamh air sgèile 6 òirlich agus 25 òirleach air a' mhìle cho math ri aon òirleach. Tha leth-bhreac de na clàran dùthcha mòra sin airson a' chuid mhòr den Eilean Sgìtheanach rim faotainn ann an Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus ann an cruinneachadh Dualchais airson a' chuid mhòr den Eilean Sgìtheanach agus sgìre Loch Aillse.

Bha leth-bhreac de na clàran dùthcha sin ris am biodh iad a' cur fiosrachadh ann an oifis oighreachd Chlann Dòmhnaill. Bha cuid de na clàran dùthcha 25-òirleach air an comharrachadh le ainmean luchd-gabhail. Bha iad sin air sgèile ro mhòr airson an ath-dhèanamh dha Taigh-tasgaidh na Pòcaid ann an Leabharlann Chlann Dòmhnaill. Bhiodh iad cuideachd a' comharrachadh nan clàran dùthcha 6-òirlich le crìochan nan croitean airson diofar bhailtean.

Ann an Taigh-tasgaidh na Pòcaid ann an Leabharlann Chlann Dòmhnall tha cruinneachadh de notaichean, clàran-dùthcha, deilbh, seallaidhean agus earrannan bho na tasglainn a tha a' toirt sùil a-steach dha beatha air oighreachd sa Ghàidhealtachd. Tha Leabharlann Chlann Dòmhnaill suidhichte ann an taigh-tasgaidh a dh'aon ghnothaich, Taigh-tasgaidh nan Eilean, air talamh Chaisteil Armadail. Tha an caisteal stèidhichte ann an teis-meadhain oighreachd, a bha uair na pàirt de fhearann traidiseanta Chlann Dòmhnaill, air leth-innis Shlèite ann an ceann a deas an Eilein Sgìtheanaich.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clàr-dùthcha Suirbhidh Òrdanais Harapul 2006

INBHIR NIS: An Srath

2000an

Taigh-tasgaidh na Pòcaid; taighean-tasgaidh; Leabharlann Chlann Dòmhnaill; leabharlannan; oighreachdan; Dòmhnallaich; An t-Eilean Sgìtheanach; Armadal; Slèite; clàran dùthcha; Suirbhidh Òrdanais; croitean; croitearachd; bailtean; Harapul; zoomable

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Pocket Museum (maps)