Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Harapul agus an sgìre - Mata Stobaidh, 1766
EXTERNAL ID
HCD_POCKETMUSEUM_034
ÀITE
Harapul
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
DEIT
1766
LINN
1760an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13182
KEYWORDS
Taigh-tasgaidh na Pòcaid
taighean-tasgaidh
Leabharlann Chlann Dòmhnaill
leabharlannan
oighreachdan
Dòmhnallaich
An t-Eilean Sgìtheanach
Armadal
Slèite
clàran dùthcha
croitean
croitearachd
bailtean
Harrapol
an Ridire Seumas Dòmhnallach
Stobi
zoomable

Tha an clàr-dùthcha seo bho 1766, a' sealltainn bailtean Harapul agus an sgìre mun cuairt.

Anns na 1760an dh'fhastaidh an Ridire Seumas Dòmhnallach, ceann-cinnidh Chlann Dòmhnaill, neach-tomhais às Na Crìochan, Mata Stobaidh, gus clàr-dùthcha a dhèanamh den oighreachd aige air fad. Thairis air dà bhliadhna rinn Stobaidh còig chlàrna dùthcha dhen àite. Bha iad air an dèanamh le bhith a' stiogadh duilleagan mòra pàipeir air cùl-raon de dh'anart gus farsaingeachd mhòr a chruthachadh air am biodh e a' tarraing agus a' peantadh nan clàran dùthcha. Ann an clàr-dùthcha Harrapol, is e an loidhne a tha suas am meadhan an ceangal eadar dà dhuilleig den chiad phàipear.

Tha Stobaidh a' sealltainn crìochan gach baile, an talamh àitich agus na togalaichean. B' e an siostam fheannagan air tuathanachas le buidheann den luchd-gabhail an dòigh àbhaisteach a bh' ann aig an àm. Tha pàtran an talmh àitich a' sealltainn seo gu soilleir.

Tha an clàr-dùthcha a' sealltainn slighe a' chiad rathaid, nuair a bha e a' leantainn a' chladaich ann am Breacais Iarach, cho math ris a' chid rathad a' dol a Shlèite. Tha a' mhuilinn choirce ann an Harrapol air a sealltainn cuideachd. Tha i air an làraich far a bheil Ionad-Nathraichean an Eilein Sgìtheanaich an-diugh.

Tha ainmean àiteachan air an litreachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte anns gach clàr-dùthcha agus sgrìobhainn. Cha robh Gàidhlig aig luchd-dèanamh nan clàran dùthcha agus an luchd-tomhais agus mar sin bhiodh iad a' sgrìobhadh nan ainmean mar a bha iad gan cluinntinn. Mar an ceudna, bhiodh clàrcan nan oighreachdan gu tric a' litreachadh ainmean mar a bha iad gan cluinntinn oir cha robh cunbhalachadh oifigeil ann gus an do dh'fheuch an Suirbhidh Òrdanais ris an seo a dhèanamh aig deireadh na 19mh linne.

Ann an Taigh-tasgaidh na Pòcaid ann an Leabharlann Chlann Dòmhnall tha cruinneachadh de notaichean, clàran-dùthcha, deilbh, seallaidhean agus earrannan bho na tasglainn a tha a' toirt sùil a-steach dha beatha air oighreachd sa Ghàidhealtachd. Tha Leabharlann Chlann Dòmhnaill suidhichte ann an taigh-tasgaidh a dh'aon ghnothaich, Taigh-tasgaidh nan Eilean, air talamh Chaisteil Armadail. Tha an caisteal stèidhichte ann an teis-meadhain oighreachd, a bha uair na pàirt de fhearann traidiseanta Chlann Dòmhnaill, air leth-innis Shlèite ann an ceann a deas an Eilein Sgìtheanaich.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Harapul agus an sgìre - Mata Stobaidh, 1766

INBHIR NIS: An Srath

1760an

Taigh-tasgaidh na Pòcaid; taighean-tasgaidh; Leabharlann Chlann Dòmhnaill; leabharlannan; oighreachdan; Dòmhnallaich; An t-Eilean Sgìtheanach; Armadal; Slèite; clàran dùthcha; croitean; croitearachd; bailtean; Harrapol; an Ridire Seumas Dòmhnallach; Stobi; zoomable

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Pocket Museum (maps)