Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clàr-dùthcha a' Bhaile Mheadhanaich - Iain Blackadder, 1811 - 1
EXTERNAL ID
HCD_POCKETMUSEUM_040
ÀITE
Am Baile Meadhanach
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
1811
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13186
KEYWORDS
Taigh-tasgaidh na Pòcaid
taighean-tasgaidh
Leabharlann Chlann Dòmhnaill
leabharlannan
oighreachdan
Dòmhnallaich
An t-Eilean Sgìtheanach
Armadal
Slèite
clàran dùthcha
croitean
croitearachd
bailtean
feannagan
Blackadder
Am Bràigh
aiseagan

zoomable

Tha an clàr seo bho 1811, a' sealltainn nam bailtean air fad sa Bhràighe - Peighinn a' Chorrain, Am Baile Meadhanach, Gleann an Tàilleir, An t-Òlach Uarach, An t-Òlach Iarach, Achadh na h-Anaid agus An Còmhnardan.

Ann an 1799 dh'fhastaidh an Ridire Dòmhnallach Iain Blackadder gus oighreachd a thomhais agus aithisg a sghrìobhadh ma dheidhinn. Thill Blackadder 10 bliadhna às dèidh sin nuair a bha an Ridire Dòmhnallach air cur roimhe an siostam fheanngan air an oighreachd aige atharrachadh gu croitearachd. Rinn Blackadder sreath de chlàran dùthcha le, gu h-àbhaisteach, aon chlàr-dùthcha mu choinneamh gach baile.

Sheall e am fearann a bh' ann aig an àm (talamh àitich, talamh ionaltraidh amsaa) ann an dathan, agus a' chuid bu mhotha den tuineachadh. An uair sin, sheall e cruth nan croitean ùra ann an inc dhearg. Cuimhnich nach àbhaist dha na croitean a bhith a' gabhail a-steach an talamh àitich air fad anns gach baile. Is àbhaist dha an àireamh acairean iomlan do dhiofar àiteachan air gach tuathanas a thoirt seachad ann an inc dhubh, cho math ri farsaingeachd nan croitean ùra ann an inc dhearg. Tha iad sin air an sealltainn mar ARP - a tha a' ciallachadh acairean, ròdan agus spàrran. (bha 940 spàrran ceàrnagach a' dèanamh 1 ròd, agus tha 4 ròdan a' dèanamh acair).

Tha an clàr-dùthcha a' sealltainn na h-aiseig eadar Sgonnsar agus Peighinn a' Chorrain. Tràth sna 1800an b' e an rathad tron Bhràighe a' phrìomh rathad thairis air a' mhonadh gu Port Rìgh, oir cha robh an rathad a thaobh Sligeachan crìochnaichte gu 1815. Cuideachd, aig deireadh nan 1700an - tràth sna 1800an, b' e Sgonnsar a' phrìomh oifis puist san Eilean Sgìtheanach, air sgàth 's gun robh e ann an àite freagarrach airson post a thighinn bho air feadh an eilein, agus an uair sin airson an t-eilean fhàgail air bàta gu Loch Carrann. Bhiodh am fear-puist an uair sin a' coiseachd gu Inbhir Nis à Loch carrann.

Tha ainmean àiteachan air an litreachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte anns gach clàr-dùthcha agus sgrìobhainn. Cha robh Gàidhlig aig luchd-dèanamh nan clàran dùthcha agus an luchd-tomhais agus mar sin bhiodh iad a' sgrìobhadh nan ainmean mar a bha iad gan cluinntinn. Mar an ceudna, bhiodh clàrcan nan oighreachdan gu tric a' litreachadh ainmean mar a bha iad gan cluinntinn oir cha robh cunbhalachadh oifigeil ann gus an do dh'fheuch an Suirbhidh Òrdanais ris an seo a dhèanamh aig deireadh na 19mh linne.

Ann an Taigh-tasgaidh na Pòcaid ann an Leabharlann Chlann Dòmhnall tha cruinneachadh de notaichean, clàran-dùthcha, deilbh, seallaidhean agus earrannan bho na tasglainn a tha a' toirt sùil a-steach dha beatha air oighreachd sa Ghàidhealtachd. Tha Leabharlann Chlann Dòmhnaill suidhichte ann an taigh-tasgaidh a dh'aon ghnothaich, Taigh-tasgaidh nan Eilean, air talamh Chaisteil Armadail. Tha an caisteal stèidhichte ann an teis-meadhain oighreachd, a bha uair na pàirt de fhearann traidiseanta Chlann Dòmhnaill, air leth-innis Shlèite ann an ceann a deas an Eilein Sgìtheanaich.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clàr-dùthcha a' Bhaile Mheadhanaich - Iain Blackadder, 1811 - 1

INBHIR NIS: Port Rìgh

1810an

Taigh-tasgaidh na Pòcaid; taighean-tasgaidh; Leabharlann Chlann Dòmhnaill; leabharlannan; oighreachdan; Dòmhnallaich; An t-Eilean Sgìtheanach; Armadal; Slèite; clàran dùthcha; croitean; croitearachd; bailtean; feannagan; Blackadder; Am Bràigh; aiseagan; ; zoomable

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Pocket Museum (maps)