Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Crofting and Way of Life - page 1

Adagan Coirce ann an Druim Buidhe

Air a' Ghàidhealtachd tha 'coirce' a' ciallachadh arbhar. Bhathar a' cur coirce gus daoine agus beathaichean a bheathachadh. Bha an coirce ga chur as t-earrach agus ga bhuain as t-fhoghar. Bha an coirce ga bhuain le corran agus speal, no às dèidh sin, a' cleachdadh lomaire le each.

Aon uair agus gun robh e air a bhuain, bha an coirce ga cheangal ann an ultaich ris an cainteadh sguaban. Bha na sguaban gan cur nan seasamh còmhla gus adag a dhèanamh, agus air am fàgail gus an tiormachadh. B'e 'Cailleach' an t-ainm a bha air an sguaib mu dheireadh. San àm a chaidh seachad, mus tàinig min agus aran cruithneachd dhan Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, bhiodh daoine ag ithe aran coirce. Is e 'aran coirce' a theirear ris, a' ciallachadh gu bheil e dèante bho choirce.

'San Eilean Sgìtheanach tha daoine air a bhith ag innse dhomh gu bheil cuimhne aca air a' Chailleach... uaireannan, bhiodhte a' càradh na sguaib mu dheireadh a dheigheadh a dhèanamh, air mullach na h-adaig agus b' e Cailleach an t-ainm a bha oirre agus bhathar den bheachd gun robh i ga dhìon.' I.F. Grannd - 'Dòighean beatha nan Gàidheal'.

Is e glè bheag de chroitearan a tha fhathast a' cur coirce. Agus ma tha, tha tractaran aca a-nis gus cuideachadh leis an obair.

Ann an Taigh-tasgaidh na Pòcaid ann an Leabharlann Chlann Dòmhnall tha cruinneachadh de notaichean, clàran-dùthcha, deilbh, seallaidhean agus earrannan bho na tasglainn a tha a' toirt sùil a-steach dha beatha air oighreachd sa Ghàidhealtachd. Tha Leabharlann Chlann Dòmhnaill suidhichte ann an taigh-tasgaidh a dh'aon ghnothaich, Taigh-tasgaidh nan Eilean, air talamh Chaisteil Armadail. Tha an caisteal stèidhichte ann an teis-meadhain oighreachd, a bha uair na pàirt de fhearann traidiseanta Chlann Dòmhnaill, air leth-innis Shlèite ann an ceann a deas an Eilein Sgìtheanaich.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Croitearachd agus Doigh Beatha - duilleag 1

ROS: Loch Aillse

Taigh-tasgaidh na Pòcaid; taighean tasgaidh; Leabharlann Chlann Dòmhnaill; leabharlannan; oighreachdan; Dòmhnallaich; An t-Eilean Sgìtheanach; Armadal; Slèite; croitean; croitearachd; croitearan; àiteach; Druim Buidhe; adagan; coirce; bàrr

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Pocket Museum (photographs)