Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Crofting and Way of Life - page 7

Caitrìona Mhoireasdan, Port nan Long, breabadaireachd, 1933

Tha breabadaireachd ga dhèanamh air beairt. Chì sibh na casachain fiodha aig bonn na deilbh - bathar gan cleachdadh gus fighe a dhèanamh nas luaithe seach beairt frèama agus cuideachd gus diofar phàtrain a dhèanamh. Bha breabadaireachd na obair chumanta ann an sgìre Phort nan Long san Eilean Sgìtheanach. Chaidh daoine à Leòdhas agus às na Hearadh, far an robh breabadaireachd làidir, a dh'fhuireach an sin sna 1920an.

Tha leabharlann Chlann Dòmhnaill mar chruinneachadh de notaichean, clàran-dùthcha, deilbh, taisbeanaidhean agus earrannan às an tasglann a tha a' toirt seachad sealladh dhan bheatha làitheil air oighreachd sa Ghàidhealtachd. Tha leabharlann Chlann Dòmhnaill suidhichte ann an taigh-tasgaidh a dh'aon ghnothaich, Taigh-tasgaidh nan Eilean, air fearann Chaisteil Armadail. Tha an caisteal fhèin stèidhichte ann an cridhe na h-oighreachd, a bha aon uair mar phàirt de fhearann traidiseanta Chlann Dòmhnaill air leth-innis Shlèite ann an ceann a deas an Eilein Sgìtheanaich.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Croitearachd agus Doigh Beatha - duilleag 7

INBHIR NIS: Bracadal

1930an

Taigh-tasgaidh na Pòcaid; taighean tasgaidh; Leabharlann Chlann Dòmhnaill; leabharlannan; oighreachdan; Clann Dòmhnaill; An t-Eilean Sgìtheanach; Armadal; Slèite; croitean; croitearachd; croitearan; fighe; Caitrìona Mhoireasdan; Port nan Long

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Pocket Museum (photographs)

Caitrìona Mhoireasdan, Port nan Long, breabadaireachd, 1933<br /> <br /> Tha breabadaireachd ga dhèanamh air beairt. Chì sibh na casachain fiodha aig bonn na deilbh - bathar gan cleachdadh gus fighe a dhèanamh nas luaithe seach beairt frèama agus cuideachd gus diofar phàtrain a dhèanamh. Bha breabadaireachd na obair chumanta ann an sgìre Phort nan Long san Eilean Sgìtheanach. Chaidh daoine à Leòdhas agus às na Hearadh, far an robh breabadaireachd làidir, a dh'fhuireach an sin sna 1920an.<br /> <br /> Tha leabharlann Chlann Dòmhnaill mar chruinneachadh de notaichean, clàran-dùthcha, deilbh, taisbeanaidhean agus earrannan às an tasglann a tha a' toirt seachad sealladh dhan bheatha làitheil air oighreachd sa Ghàidhealtachd. Tha leabharlann Chlann Dòmhnaill suidhichte ann an taigh-tasgaidh a dh'aon ghnothaich, Taigh-tasgaidh nan Eilean, air fearann Chaisteil Armadail. Tha an caisteal fhèin stèidhichte ann an cridhe na h-oighreachd, a bha aon uair mar phàirt de fhearann traidiseanta Chlann Dòmhnaill air leth-innis Shlèite ann an ceann a deas an Eilein Sgìtheanaich.