Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Obraichean - duilleag 6
EXTERNAL ID
HCD_POCKETMUSEUM_066
ÀITE
Beàrnasdal
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
DEIT
1909
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13196
KEYWORDS
Taigh-tasgaidh na Pòcaid
taighean tasgaidh
Leabharlann Chlann Dòmhnaill
leabharlannan
oighreachdan
Clann Dòmhnaill
An t-Eilean Sgìtheanach
Armadal
Slèite
croitean
croitearachd
croitearan
sgoiltean
Beàrnasdal
Occupations - page 6

Sgoil Bheàrnasdal, 1909

Ann an 1909 bha brògan àrda is ìosal glè dhaor - dh'fhaodadh gum biodh brògan àrda aig cloinn airson a' gheamhraidh ach dheigheadh iad cas-rùisgte an còrr den tìde. Ma choimheadas sibh ri casan agis iosgaidean cuid den chloinn chì sibh gu bheil iad glè shalach. Cha b' e a-mhàin gun robh aig a' chloinn ri astar fada a choiseachd dhan sgoil, ach bhiodh aca ri obair croit a dhèanamh mus deigheadh iad dhan sgoil sa mhadainn, agus nuair a dheigheadh iad dhachaigh às dèidh na sgoile cuideachd!

Ach bha ùine aig cloinn a bhith a' cluich cuideachd. Bha iad math air dèanamh suas gheamannan a chluicheadh iad. Bha seann bhoireannach à Eilean Mhuile ag ràdh gum biodh iad a' cluich falach-fead san raineach le a muc! Chuireadh iad a' mhuc air falach agus bhiodh a' mhuc a' snòtadh mun cuairt gus an lorgadh e iad. B' e am pàiste mu dheireadh a lorgadh a' mhuc a bhuannaicheadh an gèam.

Tha leabharlann Chlann Dòmhnaill mar chruinneachadh de notaichean, clàran-dùthcha, deilbh, taisbeanaidhean agus earrannan às an tasglann a tha a' toirt seachad sealladh dhan bheatha làitheil air oighreachd sa Ghàidhealtachd. Tha leabharlann Chlann Dòmhnaill suidhichte ann an taigh-tasgaidh a dh'aon ghnothaich, Taigh-tasgaidh nan Eilean, air fearann Chaisteil Armadail. Tha an caisteal fhèin stèidhichte ann an cridhe na h-oighreachd, a bha aon uair mar phàirt de fhearann traidiseanta Chlann Dòmhnaill air leth-innis Shlèite ann an ceann a deas an Eilein Sgìtheanaich.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Obraichean - duilleag 6

INBHIR NIS: Snìothasort

1900an

Taigh-tasgaidh na Pòcaid; taighean tasgaidh; Leabharlann Chlann Dòmhnaill; leabharlannan; oighreachdan; Clann Dòmhnaill; An t-Eilean Sgìtheanach; Armadal; Slèite; croitean; croitearachd; croitearan; sgoiltean; Beàrnasdal

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Pocket Museum (photographs)