Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dùn Sgàthaich, Rubha Shlèite, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_PRINT_001
ÀITE
Tarsgabhaig
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Slèite
DEIT
1995
LINN
1990an
CRUTHADAIR
David L. Roberts
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13197
KEYWORDS
caistealan
cinnidhean
tobhtaichean
Dun Sgathaich, Sleat Peninsula, Skye

San dealbh seo le Daibhidh L. Roberts chithear an caisteal mar a bhiodh e 's dòcha anns na 1570an. Tha Dùn Sgàthaich air cladach siar rubha Shlèite san Eilean Sgitheanach, a' coimhead thairis air Loch Eiseort. Dh'fhaodte gun robh gearastan no dùn an seo mus deach an caisteal a thogail. Bha e na sheasamh air leac creige nochdte mu 23m x 17m, agus am balla brataich a' cuartachadh àite nach robh ach aon 300m ceàrnagach. Tha gil 5 meatairean a dhoimhneachd a' cumail na creige air leth, agus tha na tha air fhàgail de dhà bhalla bhoghlanach tarsainn oirre a' sealltainn gum feumte gun robh drochaid-thogalach uaireigin a' dol thairis air a' bheàrn. Chan eil ach comharraidhean air fhàgail den togalach thùsail airson beachd a thoirt air cò ris a bha e coltach.

A rèir beul-aithris tha ceangal aig Dùn Sgàthaich ri Cù Chulainn, gaisgeach uirsgeulan Ulaidh. Tha sgeulachdan ag innse gun tàinig e dhan Eilean mun dàrna linn AD a dh'ionnsachadh sgilean cogaidh bhon bhanrigh ghaisgeil Sgàthach a thrèan fir na sgoil-chogaidh, stèidhichte sa chaisteal. Tha iomadh sgeulachd timcheall air na cuairtean-dànachd iongantach a ghabh e ann an Slèite, nam measg aon a tha a' cumail a-mach gun do thog e Dùn Sgàthaich ann an oidhche.

A' cur uirsgeulan gu aon taobh, tha e coltach gu bheil an caisteal bhon 14mh linn agus gum b' e àite-còmhnaidh Chlann MhicAsgaill, a luchd-gleidhidh dùthchasach. Ach coltach ri iomadh fear eile, bha an caisteal na phàn ann am poilitigs an ama. Chaidh an caisteal a-null gu Clann Mhicleòid ach chaidh a chreachadh gu tric le Clann Dòmhnaill gus an do ghabh Ùisdean Dòmhnallach Shlèite sealbh air mu dheireadh, is sin air a dhearbhadh le còir-sgrìobhte rìoghail ann an 1495. Chaidh fhàgail mu dheireadh tràth anns an t-17mh linn airson Dhùn Tuilm a bha an uair sin na àite-còmhnaidh aig na Dòmhnallaich airson greis.

Chuir am fear-ealain, Daibhidh L. Roberts (1931-1997), Gaileiridh Orboist air bhonn san Eilean Sgitheanach an dèidh gluasad an sin ann an 1975. Leis gun robh e air a bhith a' sgrùdadh ailtireachd, b' urrainn dha a sgilean ealain a chur còmhla ri eòlas air togalaichean gus dealbhan ath-chruthachail de thogalaichean eachdraidheil a dhèanamh airson Dualchas, Seirbheis Thaighean-tasgaidh na sgìre. Stèidhte air na tobhtaichean a bh' ann fhathast, dealbhan àrsaidh, agus beachdachadh ionnsaichte, rinneadh na dealbhan airson an leabhair 'The Mediaeval Castles of Skye and Lochalsh', a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1990. Tha an leabhar seo, air ath-fhoillseachadh ann an 2007, a' toirt tuairisgeul mionaideach air ailtireachd gach caisteil Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dùn Sgàthaich, Rubha Shlèite, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Slèite

1990an

caistealan; cinnidhean; tobhtaichean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David L. Roberts' Prints and Drawings