Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dùn Bheagain, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_PRINT_002
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
DEIT
1995
LINN
1990an
CRUTHADAIR
David L. Roberts
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13198
KEYWORDS
ath-thogail
cinnidhean
MacLeòid
Dunvegan Castle, Skye

Chithear taobh siar Caisteal Dùn Bheagain bhon loch an seo. Tha an dealbh seo dhen chaisteal mar as dòcha a bhiodh e mu 1680 le Daibhidh L. Roberts, agus tha e stèidhte air stòrasan tasglainn, clachaireachd a tha ann fhathast, dealbhan tràtha agus coimeas ri togalaichean co-aimsireil.

Tha an caisteal na sheasamh air stob creagach air cladaichean Loch Dùn Bheagain ann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich. Cha mhòr gun robh anns a' chaisteal thùsail ach balla-cùirteir timcheall air togalaichean le tughadh nuair a ghabh Leòd sealbh air uaireigin san 13mh linn. Tha an làrach air a bhith riamh na dhaingneach le Clann MhicLeòid on uair sin. Thairis air còrr is seachd linntean tha an caisteal air a bhith air a leudachadh, air a leasachadh no air a dhèanamh suas às ùr gus an togalach a chì sinn an-diugh a dhèanamh. Chaidh a dhèanamh suas às ùr gu romansach ann am meadhan an 19mh linn, a' ceangal nan togalaichean fa leth bho na linntean a dh'fhalbh agus a' cur riutha barra-bhallachan agus turaidean brèige mar phoitean-piobair.

An-dràsta gheibhear chun a' chaisteil bho thaobh na tìre, ach suas gu 1748 b' e an aon shlighe a-steach dhan chaisteal suas staidhre chumhang bhon chladach agus tro dhoras sa bhalla-chùirteir a bh' air a dheagh dhìon.

Chaidh an daingneach no tùr mòr, mòr, anns an robh toll-dubh air a chladhach dhan chreig, a thogail anns a' 14mh linn le Calum, an 3mh Ceann-cinnidh. Anns an togalach cheithir-làir seo bha cidsin, le Talla Mhòr gu h-àrd, ach an dèidh ùine gun mhullach 's gun chùram, chaidh atharrachadh gu ìre mhòr anns na 1790an leis a' 25mh Ceann-cinnidh agus a-nis tha seòmar-cuideachd eireachdail ann le àitean-còmhnaidh prìobhaideach gu h-àrd.

Tha an Tùr Sìdh, as fhaide chun na làimh dheis air an ath-thogail, ann an oisean ear-dheas na làraich. A rèir aithris thog an t-8mh Ceann-cinnidh, Alasdair Crotach, e mu 1500. Tha coltas an taoibh a-staigh thairis air ceithir làir, am mullach agus na ballachan a-muigh fhathast mar a bha iad air an togail, ach tha tuilleadh thogalaichean ri dà thaobh, agus chaidh tuill-dhorais fhosgladh gus slighe a-steach a dhèanamh aig ìrean eadar-dhealaichte. B' ann san togalach seo a fhuair an Dr Samuel MacIain agus Seumas Boswell aoigheachd ann an 1773, agus gu dearbh chaidil MacIain anns an 'Rùm Shìdh', mar a rinn Sir Bhaltair Scott ann an 1814.

Eadar an Tùr Sìdh agus an Daingneach, chaidh taigh ùr a thogail airson Shir Ruaraidh MhicLeòid (Ruaraidh Mòr), an 15mh Ceann-cinnidh, nach buin do stoidhle Innse Gall nam meadhan linntean. Tha an taigh-còmhnaidh fasanta farsaing seo a' nochdadh linn ùr nuair a dh'fhàs dòigh-beatha ghrinn agus spèis agus moladh do chuid aoighean na bu chudromaiche na dìon. Lean Iain Breac le na 'leasachaidhean' ann an 1664, agus chaidh pìos eile a chur ris an iar air an tùr Shìdh fichead bliadhna an dèidh sin, 's dòcha air làrach caibeil teaghlaich. Chaidh tuilleadh ath-dhealbhachaidh a dhèanamh le Tormod, an 23mh Ceann-cinnidh, anns na 1790an, agus lean ogha, air an robh Tormod cuideachd, le seo ann an linn Bhioctoria. Ann am meadhan an 19mh linn, chuir e eadar-fhilleadh togalaichean nam meadhan linntean còmhla nan aon structar co-chòrdach, gu math coltach ri mar a tha e an-diugh.

Tha fuidheall bho eachdraidh fhada a' chinnidh agus a cheangal ri Dùn Bheagan air an taisbeanadh am broinn a' chaisteil. Anns na seòmraichean poblach le àirneis eireachdail tha dealbhan teaghlaich le Raeburn, Ramsay agus Zoffany, agus san Leabharlann, cruinneachadh de leabhraichean tearc agus làmh-sgrìobhainnean. Tha fuidheall cinnidh mar a' Bhratach Shìdh shìoda, Còrn Ruaraidh Mhòir, buill-cheàirde Sheumasach agus Cuach Èireannach de fhiodh is airgead bhon t-16mh linn cuideachd air an taisbeanadh gu pròiseil do na mìltean luchd-turais a bhios a' tadhal air a' chaisteal agus na gàrraidhean timcheall air.

Chuir am fear-ealain, Daibhidh L. Roberts (1931-1997), Gaileiridh Orboist air bhonn san Eilean Sgitheanach an dèidh gluasad an sin ann an 1975. Leis gun robh e air a bhith a' sgrùdadh ailtireachd, b' urrainn dha a sgilean ealain a chur còmhla ri eòlas air togalaichean gus dealbhan ath-chruthachail de thogalaichean eachdraidheil a dhèanamh airson Dualchas, Seirbheis Thaighean-tasgaidh na sgìre. Stèidhte air na tobhtaichean a bh' ann fhathast, dealbhan àrsaidh, agus beachdachadh ionnsaichte, rinneadh na dealbhan airson an leabhair 'The Mediaeval Castles of Skye and Lochalsh', a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1990. Tha an leabhar seo, air ath-fhoillseachadh ann an 2007, a' toirt tuairisgeul mionaideach air ailtireachd gach caisteil Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dùn Bheagain, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1990an

ath-thogail; cinnidhean; MacLeòid

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David L. Roberts' Prints and Drawings