Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Eilean Donnain
EXTERNAL ID
HCD_PRINT_003
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
1995
LINN
1990an
CRUTHADAIR
David L. Roberts
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13199
KEYWORDS
caistealan
ath-thogail
cinnidhean
Mac Coinnich
Mac Rath
Eilean Donan
Eilean Donan Castle

Tha Caisteal Eilean Donnain ann an suidheachadh brèagha air eilean beag mara aig beul Loch Luing far a bheil e a' coinneachadh ri Loch Aillse agus Loch Dubhthaich ann an Cinn Tàile, Ros an Iar. Tha a shuidheachadh ciùin glè eu-coltach ris an eachdraidh bhuaireasach a th' aige, mar a th' aig iomadh daingneach cinnidh eile san sgìre. Tha an dealbh le Daibhidh L. Roberts a' sealltainn a' chaisteil mar a bhiodh e ann am meadhan an t-17mh linn.

A dh'aindeoin iomadh aimhreit eadar cinnidhean, a' phàrlamaid agus an crùn, tha ceangal fada aig Eilean Donnain ri Clann Choinnich agus na caidreabhaich dhìleas, Clann MhicRath. Bho anmoch san 13mh linn, bha Clann Choinnich nam maoir dhùthchasach air a' chaisteal às leth Iarlan Rois, ach ro anmoch sa 15mh linn bha sealbh aca nan aonar air Eilean Donnain agus fearann Chinn Tàile. Ghluais Clann MhicRath a-steach a Chinn Tàile ann am meadhan an 14mh linn, agus le bhith nan luchd-taic daingeann do Chlann Choinnich, mu dheireadh thàinig iad fhèin gu bhith nam maoir dhùthchasach air a' chaisteal fo Iarlan Shìophoirt a bhuineadh do Chlann Choinnich.

Tha dùn leaghte bho Linn an Iarainn agus cealla Chrìosdaidh thràth Naoimh Donnain nan laighe fo bhallachan a' chaisteil a th' ann an-diugh. Nithear a-mach comharraidhean caistel tràth bhon 13mh/14mh linn, anns a bheil tùir air an ceangal le ballachan a' cuartachadh a' mhòr-chuid dhen eilean, agus slighe a-steach tro gheata air taobh na mara. An dèidh seo lùghdaich obair-togail an caisteal anns nach eil a-nis ach prìomh thùr agus cùirt bheag, le tuilleadh thogalaichean air an taobh dheas agus ionad ghunnachan nochdte ri tìr-mòr.

B' e mar a dh'fhàilling ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715, agus oidhirp às ùr ann an 1719, a b' adhbhar gun deach an caisteal a sgrios. Bha feachd shaighdearan Spàinnteach air an suidheachadh aig Eilean Donnain mus deach iad còmhla ri Gàidheil na sgìre, ach mar fhreagairt don phlana seo loisg bàtaichean an Riaghaltais air a' chaisteal, ga fhàgail na thobhta anns nach b' urrainn duine fuireach.

Mhair e mar sin suas gu 1912 nuair a thòisich Màidsear Iain MacRath-Gilstrap air obair mhòr an ath-thogail. Fhuair e deagh chuideachadh bho a chlàrc obraichean, Fearchar MacRath, a chunnaic ìomhaigh den chaisteal chrìochnaichte ann an aisling, a rèir aithris. Cha do nochd planaichean mionaideach airson an togalaich mar a bha e ann an 1714 gus an dèidh an ath-thogail. Bha am prìomh thùr air ath-thogail agus tha mòran den chaisteal a rèir plana coltach ris an fhear airson an dreach nas tràithe; thug an t-ailtire Seòras Mackie Watson feartan a-steach mar uinneagan gotach, mullaich sheòmair le sailthean daraich agus prìomh dhoras na bu shaoithreachail. Bha an drochaid thrì-bhoghannan bho thìr-mòr na leasachadh cuideachd, ach tha i gu mòr na pàirt den chaisteal shamhlachail Albannach a bhios a' tàladh mìltean luchd-turais an-diugh. Le shuidheachadh ri taobh beinne agus loch, feumaidh gu bheil barrachd dhealbhan air an togail dhe agus gu bheil e nas fhasa aithneachadh na caisteal sam bith ann an Alba.

Chuir am fear-ealain, Daibhidh L. Roberts (1931-1997), Gaileiridh Orboist air bhonn san Eilean Sgitheanach an dèidh gluasad an sin ann an 1975. Leis gun robh e air a bhith a' sgrùdadh ailtireachd, b' urrainn dha a sgilean ealain a chur còmhla ri eòlas air togalaichean gus dealbhan ath-chruthachail de thogalaichean eachdraidheil a dhèanamh airson Dualchas, Seirbheis Thaighean-tasgaidh na sgìre. Stèidhte air na tobhtaichean a bh' ann fhathast, dealbhan àrsaidh, agus beachdachadh ionnsaichte, rinneadh na dealbhan airson an leabhair 'The Mediaeval Castles of Skye and Lochalsh', a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1990. Tha an leabhar seo, air ath-fhoillseachadh ann an 2007, a' toirt tuairisgeul mionaideach air ailtireachd gach caisteil Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Eilean Donnain

ROS: Loch Aillse

1990an

caistealan; ath-thogail; cinnidhean; Mac Coinnich; Mac Rath; Eilean Donan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David L. Roberts' Prints and Drawings