Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal DhùnTuilm
EXTERNAL ID
HCD_PRINT_004
ÀITE
Dùn Tuilm
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
DEIT
1995
LINN
1990an
CRUTHADAIR
David L. Roberts
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13200
KEYWORDS
caistealan
tobhta
ath-thogail
cinnidhean
Duntulm Castle

San dealbh dathan-uisge seo le David L. Roberts chithear Caisteal Dhùn Tuilm mar a bha e 's dòcha ann an 1635. Tha an talamh torrach ris a' chùl ga ullachadh airson cur. Chaidh dealbhan tràth le Moses Griffiths agus William Daniell, agus dealbhan-camara o dheireadh an 19mh linn, a chleachdadh còmhla ri rannsachadh arc-eòlais dhen làraich airson ath-chruthachadh a dhèanamh san dealbh.

Is e na sheasamh air rubha basalt air costa an iar-thuath Thròndairnis san Eilean Sgitheanach, tha Caisteal Dhùn Tuilm a' coimhead a-null thar a' Chuain Sgìth, le Eilean Tuilm na laighe pìos beag a-mach far a' chosta. Tha an caisteal air fìor oir chreagan 30m a dh'àirde, le tuinn a' bualadh air bonn nan creag fodha, làrach air leth freagarrach dha togalach a bha na dhaingneach tèarainte agus na shamhla air neart is ceannas-feadhna.

Feumaidh gun robh an t-àite iongantach seo na làrach airson fear de iomadh dùn bhon Linn an Iarainn a bha uaireigin air feadh oirthir an Eilein Sgitheanaich. Tha e coltach gun tàinig an caisteal fo smachd nan Lochlannach airson greis, is e a' gabhail an ainm 'Dùn Dhaibhidh', ach bhon 13mh linn a-mach bha Clann Dòmhnaill agus Clann MhicLeòid a' feuchainn air a chèile airson smachd fhaighinn air, agus chaidh sealbh a' chaisteil eadar an dà chinneadh gu minig thar nan linntean.

Rè an t-16mh linn thàinig an rìoghalachd gu bhith an sàs anns a' chùis. Chaidh còir-sgrìobhte a chur a-mach a' toirt stiùbhardachd Thròndairnis, is crodh na sgìre, gu aon chinneadh seach cinneadh sam bith eile a-rèir suidheachadh phoilitigs an àm. Mar phàirt de thuras a ghabh e an 1540, rinn Seumas V tadhal air a' chaisteal, is thug e beachd air a làrach agus cho daingean
's a bha e.

An dèidh ùine air a leigeil seachad leis na cinnidhean uile, chaidh an caisteal a leasachadh agus ath-nuadhachadh le Sir Dòmhnall MacDhòmhnaill à Slèite tràth san t-17mh linn. Bha Dùn Tuilm ainmeil greis mar àite far am bithte a' cumail fhèisean, bhàlan is chuirmean-ciùil. Gu mì-fhortanach cha do mhair an spiorad mòrachd is suaimhneis seo agus chaidh na Dòmhnallaich a dh'fhuireach air fearann Armadail an ceann a deas an Eilean Sgitheanaich. Ged a chùm iad sealbh air Dùn Tuilm, cha do ghabh ceann-feadhna nan Dòmhnallach còmhnaidh ann bho 1720 a-mach. Gu ruige nan 1730an, bhathas a' cur an àite thrèigte seo gu feum mar chuaraidh leis na clachan gan toirt air falbh a thogail àite-còmhnaidh ùr is na bu lugha aig Mogastad, mu chòig mìle air falbh.

Bha an caisteal fosgailte agus gun fhasgadh bho bhuaidh nan siantan, agus chuir seo, a thuilleadh air mar a bhathas a' toirt a' chaisteil às a chèile, ri crìonadh agus tuiteam an togalaich. Tha ballaichean nan tùr, a bha uaireigin air an còmhdachadh le turaidean agus clachaireachd ealanta, an dèidh falbh às a chèile agus tha na seòmraichean is slocan a-nis air an lìonadh le sprùilleach. A dh'aindheoin obair airson an togalach a dhèanamh seasmhach, tha structar a' chaisteil rudeigin cugallach fhathast, ged a tha làrach iongantach an àite a' tarraing mhìltean de luchd-turais gus an là an-diugh.

Chuir am fear-ealain, Daibhidh L. Roberts (1931-1997), Gaileiridh Orboist air bhonn san Eilean Sgitheanach an dèidh gluasad an sin ann an 1975. Leis gun robh e air a bhith a' sgrùdadh ailtireachd, b' urrainn dha a sgilean ealain a chur còmhla ri eòlas air togalaichean gus dealbhan ath-chruthachail de thogalaichean eachdraidheil a dhèanamh airson Dualchas, Seirbheis Thaighean-tasgaidh na sgìre. Stèidhte air na tobhtaichean a bh' ann fhathast, dealbhan àrsaidh, agus beachdachadh ionnsaichte, rinneadh na dealbhan airson an leabhair 'The Mediaeval Castles of Skye and Lochalsh', a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1990. Tha an leabhar seo, air ath-fhoillseachadh ann an 2007, a' toirt tuairisgeul mionaideach air ailtireachd gach caisteil. Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal DhùnTuilm

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1990an

caistealan; tobhta; ath-thogail; cinnidhean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David L. Roberts' Prints and Drawings