Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal a' Chamais
EXTERNAL ID
HCD_PRINT_005
ÀITE
An Cnoc
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Slèite
DEIT
1995
LINN
1990an
CRUTHADAIR
David L. Roberts
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13201
KEYWORDS
caistealan
tobhtaichean
ath-thogail
Caisteal a' Chamuis
Caisteal Camus

San dealbh seo le Daibhidh L. Roberts chithear Caisteal a' Chamuis mar a bhiodh e 's dòcha sna 1630an. Stèidhte air dealbhan àrsaidh cho math ri clàran arc-eòlach den làraich, feumaidh cuid dhen ath-chruthachadh a bhith baraileach.

Tha Caisteal a' Chamais, ris an canar cuideachd An Cnoc no Caisteal a' Chnuic, air costa sear rubha Shlèite san Eilean Sgitheanach, a' coimhead a-null air Linne Shlèiteach gu tìr-mòr. Coltach ris a' mhòr-chuid de dhùin agus de chaistealan an Eilein, tha Caisteal a' Chamais air rubha; gu dearbh 's iongantach mura h-eil e air a thogail air uachdar dùin bho Linn an Iarainn, Dùn Thòrabhaig. Tha clais gu tuath, a tha a-nis gu ìre mhòr air a lìonadh le sprùilleach agus fàs-bheatha, na sanas airson na daignich a bhiodh air an làraich, feumaidh. Bha bearradh cas gu deas a' toirt taic agus dìon do na structaran gu h-àrd.

Tha sgrùdadh Horatio MhicCullaich ann an 1854 air an tobhta bhon ear a' cur ri na beagan sanasan ailtireachd a tha fhathast ann, mar thoradh air goid-chlachan agus buaidh nan dùl. Nithear a-mach gun robh tùr le ballachan 1.5 m a leud agus co-dhiù 3 làir na sheasamh aig ceann sear na làraich. Bha taigh-còmhnaidh na b' anmoiche bho dheireadh an t-16mh no toiseach an t-17mh linn na shuidhe aig ceàrn ceart ris an tùr, ged is dòcha gun robh an tùr mu thràth air a sgrios an uair sin. 'S dòcha gun robh sreath eile thoglaichean air an taobh shiar, bho àm na bu tràithe, a' cuartachadh cùirt .

Mar a bha Dùn Sgàthaich, a tha cuideachd ann an Slèite, bha Caisteal a' Chamais an lùib na còmhstri eadar Clann MhicLeòid agus Clann Dòmhnaill. Bha sealbh aig Clann MhicLeòid air suas gu tràth san 15mh linn, nuair a fhuair Clann Dòmhnaill Shlèite làmh-an-uachdair san sgìre. An dèidh do shaighdearan Rìoghail buaidh fhaighinn air ann an 1431, chan eil an còrr air a chlàradh mu shealbh a' chaisteil airson faisg air ceud bliadhna. Tha e a' togail ceann a-rithist 's e fhathast fo smachd nan Dòmhnallach, gus an deach arfuntachadh leis a' Chrùn tràth anns na 1580an. Chaidh a thilleadh ann an 1596 air chumha gum faodadh a chleachdadh mar àite-còmhnaidh Rìoghail nam feumadh, agus 's dòcha gu bheil an taigh-còmhnaidh bhon àm seo. Cha deach a chleachdadh riamh airson luchd-tadhail Rìoghail agus 's ann bho 1632 a tha an clàradh mu dheireadh gun robh daoine a' fuireach sa chaisteal. Ro 1689 bha an làrach air a fàgail 's gu luath a' dol ann an droch staid.

Chuir am fear-ealain, Daibhidh L. Roberts (1931-1997), Gaileiridh Orboist air bhonn san Eilean Sgitheanach an dèidh gluasad an sin ann an 1975. Leis gun robh e air a bhith a' sgrùdadh ailtireachd, b' urrainn dha a sgilean ealain a chur còmhla ri eòlas air togalaichean gus dealbhan ath-chruthachail de thogalaichean eachdraidheil a dhèanamh airson Dualchas, Seirbheis Thaighean-tasgaidh na sgìre. Stèidhte air na tobhtaichean a bh' ann fhathast, dealbhan àrsaidh, agus beachdachadh ionnsaichte, rinneadh na dealbhan airson an leabhair 'The Mediaeval Castles of Skye and Lochalsh', a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1990. Tha an leabhar seo, air ath-fhoillseachadh ann an 2007, a' toirt tuairisgeul mionaideach air ailtireachd gach caisteil Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal a' Chamais

INBHIR NIS: Slèite

1990an

caistealan; tobhtaichean; ath-thogail; Caisteal a' Chamuis

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David L. Roberts' Prints and Drawings