Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Bhròchaill
EXTERNAL ID
HCD_PRINT_006
ÀITE
Bròchaill, Ratharsair
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
1995
LINN
1990an
CRUTHADAIR
David L. Roberts
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13202
KEYWORDS
caistealan
tobhtaichean
ath-thogail
Clann 'Ic Leòid
Brochel Castle

Tha an dealbh seo, le Daibhidh L Roberts, de ath-thogail Chaisteal Bhròchaill air Ratharsair a' sealltainn an structair mar a bhiodh e 's dòcha anmoch san t-16mh linn. Air a dhealbh bhon taobh sear, bho thaobh na mara, tha an caisteal mar gum biodh a' fàs a-mach às a' chreig. Bha 'aquatint' Uilleam Dhaniell den chaisteal, cuide ris an tobhta agus dealbhan-camara thar nam bliadhnachan, air an cleachdadh gus an structar a bu dòcha a bh' ann a chur ri chèile.

Tha na tha air fhàgail de Chaisteal Bhròchaill air stac clach-gainmhich a' coimhead a-mach air a' Chaolas a-staigh air taobh ear thuath Eilean Ratharsair. Ged a bha e uaireigin na dhaingneach dualchasaich le Clann Suain, a rèir aithris chaidh an caisteal a thogail leis a' chiad cheann-cinnidh air Clann MhicLeòid Ratharsair, Calum Mac Gille Chaluim, am mac a b' òige aig Calum MacLeòid, an 9mh Ceann-cinnidh air Clann MhicLeòid Leòdhais. Chan eil fianais sgrìobhte ann a dhearbhas cuin a chaidh a thogail, ach tha e air ainmeachadh ann an sgrìobhainnean ann an 1549 agus a-rithist ann an sgrùdadh saighdearach anmoch san 16mh linn. Lean Cinn-chinnidh MhicLeòid Ratharsair a' fuireach ann gu anmoch san t-17mh linn nuair a ghluais iad, a rèir coltais, dhan taigh-thùir eile aca aig Clachan.

Ann an sealladh Uilleim Dhaniell den chaisteal ann an 1819 tha an tùr san ear thuath fhathast slàn, agus tha na ballachan cas creige agus clachaireachd a' cruthachadh suidheachadh dramadach. Rinn an caisteal a' chuid a b' fheàrr den làraich a tha gun choimeas, le ceithir structaran fa leth aig ìrean eadar-dhealaichte agus cùirt air an taobh a-staigh. Bha an t-slighe a-steach tro thrannsa dhomhainn, air a dìon le taigh-geata, bhon tàinig steapaichean a' dol suas dhan chùirte, is tùir air gach taobh dhi. Tha cùiltean sna ballachan, uinneagan beaga agus an taigh-beag no 'garderobe' a' toirt shanasan airson am feum dha robh seòmraichean eadar-dhealaichte anns na tùir agus na ballachan, agus tha dealbh Dhaniell a' toirt seachad fiosrachadh luachmhor air structar a bha àillidh uaireigin. Tha rudan a sgrìobh Seumas Boswell an dèidh dha fhèin agus an Dr MacIain tadhal ann ann an 1773 cuideachd a leigeil shanasan ris airson cruth an àite.

Air sgàth dìth neartachaidh, a bha a' fàgail a' chaisteil an urra ri na dùilean, tha mòran dhen togalach air tuiteam gu bonn an staca, agus tha na tha air fhàgail ro chunnartach airson daoine a leigeil a-steach.

Chuir am fear-ealain, Daibhidh L. Roberts (1931-1997), Gaileiridh Orboist air bhonn san Eilean Sgitheanach an dèidh gluasad an sin ann an 1975. Leis gun robh e air a bhith a' sgrùdadh ailtireachd, b' urrainn dha a sgilean ealain a chur còmhla ri eòlas air togalaichean gus dealbhan ath-chruthachail de thogalaichean eachdraidheil a dhèanamh airson Dualchas, Seirbheis Thaighean-tasgaidh na sgìre. Stèidhte air na tobhtaichean a bh' ann fhathast, dealbhan àrsaidh, agus beachdachadh ionnsaichte, rinneadh na dealbhan airson an leabhair 'The Mediaeval Castles of Skye and Lochalsh', a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1990. Tha an leabhar seo, air ath-fhoillseachadh ann an 2007, a' toirt tuairisgeul mionaideach air ailtireachd gach caisteil Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Bhròchaill

INBHIR NIS: Port Rìgh

1990an

caistealan; tobhtaichean; ath-thogail; Clann 'Ic Leòid

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David L. Roberts' Prints and Drawings