Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Maoil
EXTERNAL ID
HCD_PRINT_007
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
DEIT
1995
LINN
1990an
CRUTHADAIR
David L. Roberts
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13203
KEYWORDS
caistealan
tobhtaichean
ath-thogail
Chlann 'ic Fhionghuin
Caisteal Maoil
Caistel Maol

Tha an dealbh seo le Daibhidh L. Roberts a' sealltainn ath-thogail Caisteal Mhaoil aig Caol Acain san Eilean Sgitheanach mar a bhiodh e mu 1600. Tha e air stob creagach ann an suidheachadh smachdail a' coimhead a-mach air a' chaolas eadar an t-Eilean agus tìr-mòr, far an robh aiseag a' ruith gach latha suas gu 1995.

Tha an caisteal, dachaigh Clann Fhionghain Srath na h-Àirde, bho anmoch sa 15mh linn 's dòcha. A rèir beul-aithris bha smachd aig bana-phrionnsa Nirribheach, a bha pòsta aig ceann-cinnidh air Clann Fhionghain, air a' chaisteal, agus bhiodh i a' togail cìs bho shoithichean a bhiodh a' dol seachad, a' dèanamh cinnteach às a' chìs le bhith a' cur slabhraidh tarsainn air a' chaolas. Tha e air a ràdh gu bheil 'Saucy Mary' mar a bh' aca oirre, air a tiodhlacadh air mullach Beinn na Caillich far am bi gaothan bhon dùthaich aice fhèin a' sèideadh air a h-àite-tàimh.

B' e Dùn Acain a bh' air a' chaisteal o thùs, 's e air ainmeachadh air Rìgh Acain à Nirribhidh, mar a tha baile Chaol Acain a tha faisg air, agus tha seo na chomharradh gur dòcha gun robh dùn na bu thràithe air an làraich. Ann an 1263 sheòl cabhlach Acain tron chaolas a chur dìon air an fhearann a bha fo smachd Lochlainn, ach thugadh buaidh air san Leargaidh Ghallda. Tha e coltach gun do sheas an t-ainm Dùn Acain suas gu co-dhiù anmoch san 16mh linn, agus dh'fhàg Clann Fhioghain an t-àite-còmhnaidh aca goirid an dèidh sin airson dachaigh na bu chofhurtaile an àiteigin eile air an Eilean. Fhuair an caisteal an t-ainm a th' air an-diugh, a' ciallachadh maol no lom, an dèidh dha bhith air fhàgail 's tuiteam às a chèile.

A thaobh an structair, bha an togalach coltach ri Caisteal Ùisdein, tùr ceart-cheàrnach a bha beag ach làidir anns an robh trì no ceithir làir, 's an aon shlighe a-steach tro dhoras air a' chiad làr. Tha dìth cùraim agus na dùilean air dioghladh air, ge-tà, 's chan eil air fhàgail ach pìos de dh'aon bhalla.

Chuir am fear-ealain, Daibhidh L. Roberts (1931-1997), Gaileiridh Orboist air bhonn san Eilean Sgitheanach an dèidh gluasad an sin ann an 1975. Leis gun robh e air a bhith a' sgrùdadh ailtireachd, b' urrainn dha a sgilean ealain a chur còmhla ri eòlas air togalaichean gus dealbhan ath-chruthachail de thogalaichean eachdraidheil a dhèanamh airson Dualchas, Seirbheis Thaighean-tasgaidh na sgìre. Stèidhte air na tobhtaichean a bh' ann fhathast, dealbhan àrsaidh, agus beachdachadh ionnsaichte, rinneadh na dealbhan airson an leabhair 'The Mediaeval Castles of Skye and Lochalsh', a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1990. Tha an leabhar seo, air ath-fhoillseachadh ann an 2007, a' toirt tuairisgeul mionaideach air ailtireachd gach caisteil Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Maoil

INBHIR NIS: An Srath

1990an

caistealan; tobhtaichean; ath-thogail; Chlann 'ic Fhionghuin; Caisteal Maoil

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David L. Roberts' Prints and Drawings