Ùrachadh mu Dheireadh 10/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Ùisdein
EXTERNAL ID
HCD_PRINT_008
ÀITE
A' Chuidreach, Eàrlais
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
DEIT
1995
LINN
1990an
CRUTHADAIR
David L. Roberts
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13204
KEYWORDS
caistealan
tobhtaichean
ath-thogail
Dòmhnallaich
Caisteal Ùisdein
Caistel Uisdean

Tha an dealbh seo le Daibhidh L. Roberts a' sealltainn ath-thogail de Chaisteal Ùisdein mar a bhiodh e mu 1620, stèidhte air na ballachan as ìsle a bha fhathast ann, agus staidhre a-steach agus làir àrda a bha barraileach.

B' e Caisteal Ùisdein am fear mu dheireadh de chaistealan an ama sin a chaidh a thogail san Eilean Sgitheanach, agus tha e air fear dhen fheadhainn as sìmplidhe. Tha an tùr ceart-cheàrnach, làidir na sheasamh faisg air oir bearraidh aig a' Chuidrich a Deas beagan mhìltean tuath air Port Rìgh, a' coimhead tarsainn air an t-slighe a-steach a Loch Snìothasort Beag. Tha na ballachan 2-mheatair a leud air làr as ìsle na tràghad, le a mhàin dà tholl chaol a' leigeil solas a-steach, a' sealltainn gun robh an tùr mu 15m x 10m. Gus bacadh a chur air luchd-ionnsaigh, a rèir coltais b' e an t-slighe thuige staidhre fiodha air an taobh a-muigh a' dol suas gu doras gu h-àrd air a' chiad làr. Bha uinneagan na bu mhotha air an dà làr as àirde.

Tha Caisteal Ùisdein a-nis na sheasamh mar charragh-cuimhne do fhear cho mì-chliùiteach 's a bhuineadh dhan Eilean, Ùisdean MacGhilleasbaig Chlèirich, mac-bràthar do Dhòmhnall Gorm MacDhòmhnaill, 5mh Ceann-cinnidh Shlèite. Fiù 's airson nan amannan buaireasach sin, bha ainm aige airson fòirneart agus foill, a' gabhail a-steach long-spùinneadh agus murt. Ged a bha e cho soirbheachail 's gun do thog e Caisteal Ùisdein dha fhèin, dhìol a bheatha ain-dligheach air mu dheireadh nuair a chaidh cuilbheart gus a cheann-cinnidh a mhurt agus smachd a ghabhail e fhèin ceàrr air. Bha e an dùil prìomh bhuill a' chinnidh a mhurt aig cuirm a' comharrachadh togail a chaisteil, ach chaidh a' chuilbheart a thoirt am follais agus chaidh Ùisdean a chur dhan toll-dhubh aig Dùn Tuilm. Mar pheanas airson deicheadan de bhliadhnachan ri olc, tha e air aithris gun d' fhuair e feòil shaillte ri ithe gun uisge idir, agus chaochail e 's an cuthach air leis a' phathadh.

Chuir am fear-ealain, Daibhidh L. Roberts (1931-1997), Gaileiridh Orboist air bhonn san Eilean Sgitheanach an dèidh gluasad an sin ann an 1975. Leis gun robh e air a bhith a' sgrùdadh ailtireachd, b' urrainn dha a sgilean ealain a chur còmhla ri eòlas air togalaichean gus dealbhan ath-chruthachail de thogalaichean eachdraidheil a dhèanamh airson Dualchas, Seirbheis Thaighean-tasgaidh na sgìre. Stèidhte air na tobhtaichean a bh' ann fhathast, dealbhan àrsaidh, agus beachdachadh ionnsaichte, rinneadh na dealbhan airson an leabhair 'The Mediaeval Castles of Skye and Lochalsh', a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1990. Tha an leabhar seo, air ath-fhoillseachadh ann an 2007, a' toirt tuairisgeul mionaideach air ailtireachd gach caisteil Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Ùisdein

INBHIR NIS: Snìothasort

1990an

caistealan; tobhtaichean; ath-thogail; Dòmhnallaich; Caisteal Ùisdein

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David L. Roberts' Prints and Drawings