Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rubh' an Dùnain
EXTERNAL ID
HCD_PRINT_010
ÀITE
Rubh' an Dùnain, Gleann Bhreatail
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
DEIT
1995
LINN
1990an
CRUTHADAIR
David L. Roberts
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13207
KEYWORDS
ath-thogail
taighean
carn
airceòlas
dùin
Rubh' an Dunain

Tha an rubha iomallach Rubh' an Dùnain air costa siar an Eilein Sgitheanaich, 4 mìle bho làrach-campachaidh Ghleann Bhreatail aig bonn beanntan a' Chuilthinn. Tha an sgìre a' toirt cothrom nach fhaighear tric a shealltainn air grunn structaran a tha a' còmhdach 4000 bliadhna de dh'eachdraidh an Eilein, bhon Linn Nuadh-chreagach suas dhan 18mh linn.

Tha an dealbh ath-chruthachail seo a' sealltainn an taighe le stuadh cruinn aig an fhear-taca, agus togalaichean a' buntainn ris, mar a bhiodh iad ann am meadhan an 18mh linn. Ach, tha nithean a lorgadh ann an uaimhean agus carraighean tiodhlacaidh, nam measg càrn seòmraichte no uaigh trannsa Nuadh-chreagach bhon 2na no an 3mh mìle-bliadhna BC, a' dearbhadh gun robh mac an duine air tuineachadh a chur air bhonn aig Rubh' an Dùnain mìltean bhliadhnachan roimhe sin. Tha dùn bho Linn an Iarainn, a th' air a dheagh ghleidheadh, na shuidhe air oir bhearraidhean a' coimhead a-mach air Caloas Shòdhaigh beagan deas air a' chàrn, agus tha canàl iongantach air a lìnigeadh le clachan a tha a' ruith bhon mhuir gu loch beag a-staigh air an dùthaich na shanas airson Lochlannaich a bhith a' fuireach an sin.

'S e tobhta na dachaigh ge-tà, agus stuagh an t-simileir ag èirigh chun an dàrna làr, a tha fhathast a' cur tarsainn faireachdainn làidir mu na daoine a bh' ann roimhe. B' ann de Chlann Mhic Asgaill bu mhotha a bha iad, is iad nan luchd-gleidhidh dùthchasach air Dùn Sgàthaich ann an Slèite airson ùine, agus nan luchd-gleidhidh do Chlann MhicLeòid Dùn Bheagain air na slighean mara chun an Eilein gu deas agus dhan iar. Mar sin, bha Rubh' an Dùnain ann an suidheachadh air leth math gus smachd a chumail air na h-uisgeachan dhan iar agus feumaidh gun robh sluagh mòr a' fuireach ann. Bhiodh an canàl leis a dhà chidhe air a bhith na ionad airson bìrlinnean Cloinn MhicLeòid. Anns an taigh san dealbh, a tha aon 18.5 meatairean a dh'fhaid, bhiodh sparran 'half cruck' a' falbh bhon bhalla uachdrach 's iad air an còmhdach le tughadh; bha daoine a' fuireach ann bho thràth san 18mh linn gu timcheall air na 1860an nuair a dh'fhàg an fheadhainn mu dheireadh de Chlann MhicAsgaill, tòrr aca nan eilthirich a Chanada agus Sealan Nuadh.

Chuir am fear-ealain, Daibhidh L. Roberts (1931-1997), Gaileiridh Orboist air bhonn san Eilean Sgitheanach an dèidh gluasad an sin ann an 1975. Leis gun robh e air a bhith a' sgrùdadh ailtireachd, b' urrainn dha a sgilean ealain a chur còmhla ri eòlas air togalaichean gus dealbhan ath-chruthachail de thogalaichean eachdraidheil a dhèanamh airson Dualchas, Seirbheis Thaighean-tasgaidh na sgìre. Stèidhte air na tobhtaichean a bh' ann fhathast, dealbhan àrsaidh, agus beachdachadh ionnsaichte, rinneadh na dealbhan airson an leabhair 'The Mediaeval Castles of Skye and Lochalsh', a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1990. Tha an leabhar seo, air ath-fhoillseachadh ann an 2007, a' toirt tuairisgeul mionaideach air ailtireachd gach caisteil Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rubh' an Dùnain

INBHIR NIS: Bracadal

1990an

ath-thogail; taighean; carn; airceòlas; dùin

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David L. Roberts' Prints and Drawings