Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tungadal
EXTERNAL ID
HCD_PRINT_011
ÀITE
An Sruthan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
DEIT
1995
LINN
1990an
CRUTHADAIR
David L. Roberts
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13208
KEYWORDS
ath-thogail
taighean
Linn an Iarainn
airceòlas
Tungadale

Tha an dealbh ath-chruthachail seo de Thaigh bho Linn an Iarainn stèidhte air cladhach arc-eòlach a rinneadh ann an 1988. Tha an tobhta air barraid nàdarra os cionn cladach ear-thuath Loch Duagraich ann an Gleann Bhràcadail air taobh siar an Eilein Sgitheanaich. Lorgadh an tobhta ri linn obair coilltearachd.

Thug cladhach an dèidh seo togalach cuimseach mòr sreathach am follais le a shlighe a-steach aig a' cheann an ear nach robh cho leathann. Bha cagailt mhòr dachaigh, a bh' air a h-ath-thogil còrr is aon uair, a' buadhachadh an taoibh a-staigh. Chaidh deit an 3mh linn RC a chur air sampaill bhon chiad chagailt, sanas gum b' ann aig an àm sin a thogadh an taigh. Bha doras cumhang sa bhalla a deas a' fosgladh dìreach air seòmar fon talamh a bh' air a dheagh ghleidheadh.

Tha grunnan thrannsaichean fon talamh mar seo a th' air an togail gu làidir air an Eilean, ach chan eil fhios fhathast carson a bha iad. Chaidh an taigh agus an seòmar fon talamh le chèile a neartachadh agus tha cothrom aig a' phoball tadhal orra.

Chuir am fear-ealain, Daibhidh L. Roberts (1931-1997), Gaileiridh Orboist air bhonn san Eilean Sgitheanach an dèidh gluasad an sin ann an 1975. Leis gun robh e air a bhith a' sgrùdadh ailtireachd, b' urrainn dha a sgilean ealain a chur còmhla ri eòlas air togalaichean gus dealbhan ath-chruthachail de thogalaichean eachdraidheil a dhèanamh airson Dualchas, Seirbheis Thaighean-tasgaidh na sgìre. Stèidhte air na tobhtaichean a bh' ann fhathast, dealbhan àrsaidh, agus beachdachadh ionnsaichte, rinneadh na dealbhan airson an leabhair 'The Mediaeval Castles of Skye and Lochalsh', a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1990. Tha an leabhar seo, air ath-fhoillseachadh ann an 2007, a' toirt tuairisgeul mionaideach air ailtireachd gach caisteil Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tungadal

INBHIR NIS: Bracadal

1990an

ath-thogail; taighean; Linn an Iarainn; airceòlas

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David L. Roberts' Prints and Drawings