Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Teaghlach MhicIlleathain Ratharsair, 'Clann an Tàilleir'
EXTERNAL ID
HCD_PRINT_012
ÀITE
Osgaig, Ratharsair
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
1993
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Andrew McMorrine
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
13209
KEYWORDS
dealbhan
dealbhan
daoine
Clann MhicIllEathainn
teaghlaichean
Gàidhlig
The Maclean Family of Raasay, 'Clann an Tàilleir'

Tha an dealbh pheansail agus cailc seo le Anndra MacMhoirein a' sealltainn seachdnar bhràithrean agus pheathraichean teaghlach MhicIlleathain, a rugadh gu lèir aig Osgaig air Eilean Ratharsair do Chalum MacIlleathain, tàillear, agus do Chiorstag (née NicNeacail) bhon Bhràighe air an Eilean. 'S iad a tha san dealbh, bho chlì gu deas, Iseabail (1924 - ), Iain (1909 - 1970), Alasdair (1918 - 1999), Somhairle (1911 - 1996), Calum (1915 - 1960), Màiri (1926 - ), agus Tormod (1921 - 1998).

Bha MacMhoirein air dealbh de Shomhairle a dhèanamh airson taisbeanadh 'Às an Fhearann' ann an 1986. An dèidh seo chaidh dealbh an teaghlaich a choimiseanadh le Dualchas, Seirbheis nan Taighean-tasgaidh ann am Port Rìgh. Chaidh a chrìochnachadh thairis air ùine cuimseach fada, na dealbhan aig Calum agus Ciorstag air an toirt bho dhealbhan-camara, agus an còrr bho amannan-suidhe ann an Dùn Èideann agus san Eilean.

'S e an neach sa mheadhan, Somhairle MacIlleathain, gun teagamh an neach as ainmeile dhen teaghlach, 's e air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail airson a chuid bàrdachd agus rosg, air an sgrìobhadh airson a' mhòr-chuid sa Ghàidhlig. Ach, an dèidh Bun-sgoil Ratharsair agus Àrd-sgoil Phort Rìgh chaidh clann an teaghlaich uile air adhart gu Foghlam Àrd-ìre agus choisinn iad uile cliù mar sgoilearan, luchd-teagaisg agus dotairean. Gun teagamh thug an togail a fhuair iad ann an teaghlach le dualchas làidir air gach taobh buaidh mhòr mhòr orra. Dh'eadar-theangaich Iain, a bha mu dheireadh na Cheannard air Àrd-sgoil an Òbain, corra obair ann an litreachas Greugais, Albais agus Beurla gu Gàidhlig. Bha Calum na fhear-cruinneachaidh beul-aithris, na eòlaiche air dualchasan, agus na ùghdar agus choisinn e cliù airson a chuid obrach le Coimisean Beul-aithris na h-Èireann agus Sgoil Eòlais na h-Alba ann an Dùn Èideann. Bha feadhainn eile dhen teaghlach air an aithneachadh cuideachd airson an ùidh mhòr agus an t-eòlas aca ann an ceòl, eachdraidh agus litreachas a' Ghàidheil.

Bha Anndra MacMhoirein na oileanach ann an Sgoil Ealain Ghlaschu mus do thòisich e na fhear-teagaisg. Bho 1973 bha e a' fuireach agus a' teagasg ann an Uibhist a Deas agus an uair sin san Eilean, a' cur seachad nan 15 bliadhna mu dheireadh mar Phrìomh Thidsear Ealain aig Àrd-sgoil Phort Rìgh. Tha e air obair a thaisbeanadh air feadh na h-Alba agus air cur ri taisbeanaidhean siubhail mòra, gu sònraichte An Leabhar Mòr. Tha e a-nis ag obair làn-ùine bho a stiùidio fhèin a' peantadh 's a' dèanamh phriontaichean, agus air coimiseanan airson obair mhìneachail agus grafaigeach Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Teaghlach MhicIlleathain Ratharsair, 'Clann an Tàilleir'

INBHIR NIS: Port Rìgh

1990an

dealbhan; dealbhan; daoine; Clann MhicIllEathainn; teaghlaichean; Gàidhlig

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David L. Roberts' Prints and Drawings