- TIOTAL
- Caisteal Mheigh, Dùnaid
- EXTERNAL ID
- HC_ARCH2_1981-82_81061004
- ÀITE
- Dùnaid
- SGÌRE
- Gallaibh a Tuath
- SIORRACHD/PARRAIST
- GALLAIBH: Dùnaid
- LINN
- 1980an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Aonad Airc-eòlas Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13211
- KEYWORDS
- caistealan
teaghlach rìoghail
rìoghalachd

Tha an dealbh seo a' sealltainn Caisteal Mheigh faisg air Dùnaid, Gallaibh.
Chaidh Caisteal Mheigh a thogail le Seòras, 4mh iarla Ghallaibh, dhan dara mac aige Uilleam Mac na Ceàrdaich. Chaidh Uilleam a mhurt ann an 1573 le a bhràthair a bu shine, Iain, nuair a bha e a' tadhal air dachaigh an teaghlaich aig Caisteal Girnigoe. Bha Iain air a bhith na phrìosanach aig athair, duine an-iochdmhor, airson sia bliadhna agus bha Iain air a bhith a' planadh teiche ach fhuair Uilleam a-mach agus dh'inns e dhan athair.
Chaidh Iain a mhurt an dèidh sin agus fhuair an treas mac, Seòras Mac na Ceàrdaich an caisteal agus stèidhich e teaghlach Mac na Ceàrdaich Mheigh agus thàinig gu bhith na Iarla ann an 1789. Dh'atharraich e ainm a' chaisteil gu Caisteal Bharrogill.
Bha an caisteal an uair sin na dhachaigh do Iarlan Ghallaibh airson an ath cheud bhliadhna.
Ann an 1819 dh'fhastaidh an 12ra Iarla an t-ailtire Uilleam Burn gus leasachaidhean mòra a dhèanamh air a' chaisteal. B' ann an uair sin a chaidh an talla-bìdh agus am mòr-dhoras a chur ris. Thog a mhac, Alasdair, an carragh-cuimhne ris an canar an-diugh 'Lady Fanny's seat' mar mholadh air a dhlùth charaid, Teàrlach Iain Canning, a bha na chiad iar-fhlath anns na h-Innseachan na b' fhaide air adhart.
Chaochail Seòras, an 15mh Iarla aig aois 30 gun bhean agus gun chlann agus dh'fhàg e an caisteal aig a charaid, F G Heathcote, leis an riaghailt gum feumadh e ainm atharrachadh gu Mac na Ceàrdaich. Mu dheireadh reic a bhean e ris a' Chaiptean F B Imbert-Terry, a reic e an uair sin e ris a' Bhanrigh Ealasaid, Màthair na Banrighinn, ann an 1952.
Chunnaic i Caisteal Barrogill airson a' chiad uair ann an 1952, 's i a' caoidh bàs an duine aice, an Rìgh Seòras VI.
Thuit i ann an gaol leis gu h-àraid nuair a chuala i gun robh e gu bhith air fhàgail falamh 's cho-dhùin i a shàbhaladh.
An dèidh dhi an caisteal as fhaide tuath ann am Breatainn, anns an robh daoine a' fuireach a cheannach, leasaich Màthair na Bànrighinn e gu mòr agus chruthaich i na gàrraidhean àlainn. Airson faisg air leth-cheud bliadhna chuir i seachad iomadh samhradh toilichte an seo agus thadhail i aig amannan eile den bhliadhna cuideachd airson tursan na bu ghiorra