Ùrachadh mu Dheireadh 09/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seann Chaisteal Inbhir Ùige, Inbhir Ùige
EXTERNAL ID
HC_ARCH2_1981-82_81061007
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Aonad Airc-eòlas Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13214
KEYWORDS
caistealan
Old Wick Castle, Wick

Tha tobhta Seann Chaisteal Inbhir Ùige air mullach bearraidhean os cionn na mara. Thathar a' smaoineachadh gun deach an tùr shìmplidh, anns a bheil ceithir ùrlaran, a thogail anmoch anns an 12ra linn no tràth anns an 13mh linn nuair a bha Gallaibh air a riaghladh le Iarlan Lochlannach Arcaibh. Tha seo a' ciallachadh gur dòcha gur e aon de na daingneachdan cloiche as sine ann an Alba. Tha pìosan eile dheth ri lorg air an rubha.

Tha an caisteal air a bhith aig iomadh teaghlach, eadar na Cheynes agus am Morair Duffus Suthurlanach nam measg, anns a' 14mh linn agus na h-Oliphants anns a' 15mh linn. Chaidh ionnsaigh a thoirt air agus chaidh a ghlacadh le Iain Mac na Ceàrdaich, Maighstir Ghallaibh ann an 1569 agus chaidh a cheannach leis an teaghlach Mac na Ceàrdaich na b' fhaide air adhart. Chaidh a reic ri Caimbeulaich Ghlinn Urchaidh anns na 1670an agus an uair sin ris an teaghlach Dunbar à Hemprigg, agus bha e acasan suas gu 1910.

Uaireannan 's e Oldwick Castle a th' aca air ach chan ann on fhacal Albannach 'auld', a' ciallachadh old, ach bhon a' Ghàidhlig 'allt', a' ciallachadh sruthan a tha e. 'S e an t-ainm ceart aige Caisteal Allt Ùige, no 'the castle of the burn of Wick'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seann Chaisteal Inbhir Ùige, Inbhir Ùige

GALLAIBH: Inbhir Ùige

1980an

caistealan

Aonad Airc-eòlas Chomhairle na Gàidhealtachd

Tha tobhta Seann Chaisteal Inbhir Ùige air mullach bearraidhean os cionn na mara. Thathar a' smaoineachadh gun deach an tùr shìmplidh, anns a bheil ceithir ùrlaran, a thogail anmoch anns an 12ra linn no tràth anns an 13mh linn nuair a bha Gallaibh air a riaghladh le Iarlan Lochlannach Arcaibh. Tha seo a' ciallachadh gur dòcha gur e aon de na daingneachdan cloiche as sine ann an Alba. Tha pìosan eile dheth ri lorg air an rubha.<br /> <br /> Tha an caisteal air a bhith aig iomadh teaghlach, eadar na Cheynes agus am Morair Duffus Suthurlanach nam measg, anns a' 14mh linn agus na h-Oliphants anns a' 15mh linn. Chaidh ionnsaigh a thoirt air agus chaidh a ghlacadh le Iain Mac na Ceàrdaich, Maighstir Ghallaibh ann an 1569 agus chaidh a cheannach leis an teaghlach Mac na Ceàrdaich na b' fhaide air adhart. Chaidh a reic ri Caimbeulaich Ghlinn Urchaidh anns na 1670an agus an uair sin ris an teaghlach Dunbar à Hemprigg, agus bha e acasan suas gu 1910.<br /> <br /> Uaireannan 's e Oldwick Castle a th' aca air ach chan ann on fhacal Albannach 'auld', a' ciallachadh old, ach bhon a' Ghàidhlig 'allt', a' ciallachadh sruthan a tha e. 'S e an t-ainm ceart aige Caisteal Allt Ùige, no 'the castle of the burn of Wick'