Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tùr Ackergill, Inbhir Ùige
EXTERNAL ID
HC_ARCH2_1981-82_81061012
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Aonad Airc-eòlas Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13217
KEYWORDS
caistealan
Ackergill Tower, Wick

'S ann aig an teaghlach Keith - Iarla Marasail na h-Alba an Ridire Reginald de Cheyne, a bha Tùr Ackergill a bha a' toirt a-steach an taighe agus oighreachd, anns an robh barrachd air 500,000 acair. B' e diofar chaipteanan, a bha fon ainm Keith, a bha a' cumail sùil air tìrean Ghallaibh airson iomadh bliadhna agus ghluais an oighreachd gu furasta tro ochd ginealaich suas gu Blàr Flodden ann an 1513.

'S e amannan riaslach a bha seo, agus dh'fhàs e na bu dorra don teaghlach Keith an tìrean iomallach a chumail ann an ceann a tuath Alba. Ghabh an còigeamh Iarla Ghallaibh an tùr, le ionnsaigh, anmoch anns na 1600an agus chùm e e, airson grunn bhliadhnaichean, gus an do chuir feachdan Chromwell ruaig air an Iarla a dh'Arcaibh ann an 1671.

Fhuair an teaghlach Keith an taigh agus am fearann a-rithist, ach reic iad e 's iad sgìth dheth ann an 1696 ris an Ridire Uilleam Dunbar, Hempriggs. Ann an 1845, dh'fhastaidh an Ridire Seòras Dunbar, a bha air tiotal a' Mhorair Duffus fhaighinn, Daibhidh Bryce, a bha na ailtire à Dùn Èideann, gus an caisteal atharrachadh gu bhith na àite nas spaideile do dh'uaislean ann an Ceann a Tuath Alba.

Bha an caisteal spaideil airson greiseag, anmoch anns na 1800an, le daoine a' tighinn airson sealg ach, le cosgaisean àrda a' cumail Tùr Ackergill, agus le fiachan anns an linn Bhictòrianach, thòisich e a' crìonadh mean air mhean.

Shaoilear gun robh an caisteal ann an staid ro dhona gus a shàbhaladh nuair a chaidh a cheannach ann an 1986 leis na daoine aig a bheil e an-diugh - Iain agus Arlette Bannister. Ann an 1988, an dèidh a leasachadh, dh'fhosgail an caisteal mar thaigh-òsta spaideil

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture