Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal air rubha, beul Uisge Bhearghdail, Latharan
EXTERNAL ID
HC_ARCH2_1981-82_81061015
ÀITE
Latharan
SGÌRE
Gallaibh a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Latharan
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Aonad Airc-eòlas Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13219
KEYWORDS
caistealan
Promontory Castle, Mouth of Berriedale Water, Latheron

Tha na tha air fhàgail de thobhta Chaisteal Bhearghdail na laighe air rubha a tha a' sìneadh a-mach gu tuath do bheul Uisge Langadail mu chairteal a mhìle (0.4 km) an ear-dheas air Bearghdal ann an Gallaibh.

Do chuideigin a bha a' teàrnadh bhon Òrd Ghallach, 's cinnteach gur e Caisteal Bhearghdail a' chiad dhùn bho na meadhan linntean suidhichte a chitheadh e air creag a bha a' stobadh a-mach thar beul Abhainn Bhearghdail. Chaidh Caisteal Bhearghdail a leasachadh bho àite daingeann sa 14mh linn a bh' aig an Ridire Reginald Cheyne aig an robh iomadh àite den t-seòrsa seo ann an Gallaibh aig an àm sin a' ciallachadh gun robh buaidh mhòr aige air gnothaichean anns an sgìre. Thathar a' smaoineachadh gur dòcha gun robh dùn bho àm na bu thràithe air an làraich seo.

Chaidh an caisteal a stèidheachadh leis an teaghlach Cheyne ach chaidh e an uair sin gu teaghlach nan Suthurlanach agus an uair sin chun an teaghlaich Oliphant tro phòsadh agus b' ann acasan a bha e gus an deach a reic ri Iarla Ghallaibh ann an 1606. Bha Uachdarain Bhearghdail cuideachd nan uachdarain ann an Seann Chaisteal Inbhir Ùige a' ciallachadh gun robh mu chairteal de fhearainn Ghallaibh fom smachd nuair a bha iad aig àirde an cumhachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal air rubha, beul Uisge Bhearghdail, Latharan

GALLAIBH: Latharan

1980an

caistealan

Aonad Airc-eòlas Chomhairle na Gàidhealtachd

Tha na tha air fhàgail de thobhta Chaisteal Bhearghdail na laighe air rubha a tha a' sìneadh a-mach gu tuath do bheul Uisge Langadail mu chairteal a mhìle (0.4 km) an ear-dheas air Bearghdal ann an Gallaibh.<br /> <br /> Do chuideigin a bha a' teàrnadh bhon Òrd Ghallach, 's cinnteach gur e Caisteal Bhearghdail a' chiad dhùn bho na meadhan linntean suidhichte a chitheadh e air creag a bha a' stobadh a-mach thar beul Abhainn Bhearghdail. Chaidh Caisteal Bhearghdail a leasachadh bho àite daingeann sa 14mh linn a bh' aig an Ridire Reginald Cheyne aig an robh iomadh àite den t-seòrsa seo ann an Gallaibh aig an àm sin a' ciallachadh gun robh buaidh mhòr aige air gnothaichean anns an sgìre. Thathar a' smaoineachadh gur dòcha gun robh dùn bho àm na bu thràithe air an làraich seo. <br /> <br /> Chaidh an caisteal a stèidheachadh leis an teaghlach Cheyne ach chaidh e an uair sin gu teaghlach nan Suthurlanach agus an uair sin chun an teaghlaich Oliphant tro phòsadh agus b' ann acasan a bha e gus an deach a reic ri Iarla Ghallaibh ann an 1606. Bha Uachdarain Bhearghdail cuideachd nan uachdarain ann an Seann Chaisteal Inbhir Ùige a' ciallachadh gun robh mu chairteal de fhearainn Ghallaibh fom smachd nuair a bha iad aig àirde an cumhachd