Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clachan samhla Cruithneach clas 1
EXTERNAL ID
HC_ARCH2_1981-82_82032019
ÀITE
Dùn Robain
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
DEIT
1982
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Aonad Airc-eòlas Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13232
KEYWORDS
Cruithneach
clach samhla
Cataibh
seann
tursa
Caisteal Dhùn Robain
taigh-tasgaidh
iasg
Pictish symbol stones class 1

Cruinneachadh de chlachan samhla Cruithneach, le inbhe clas 1, air an taisbeanadh aig Taigh-tasgaidh Caisteal Dhùn Robain. 'S e dachaigh shinnsireil cinneadh nan Sutharlanach a th' ann an Caisteal Dhùn Robain, suidhichte ann an Goillspidh. Tha e fosgailte dhan phoball.

'S e na Cruithnich an t-ainm a th' air a thoirt do cho-chaidreachas de threubhan a bha ann an ceann a tuath agus an ear na h-Alba a bha ann mus tug na Ròmanaich ionnsaigh air Breatainn, suas chun an deicheamh linn. Thathas den bheachd gun tàinig an t-ainm bhon Laideann 'picti', bho thùs, a' ciallachadh 'daoine air am peantadh'. Tha am beagan air a bheil fios againn mun cultar agus an eachdraidh air a ghleidheadh ann an clachan samhla , leithid an fheadhainn a tha air a taisbeanadh an seo. Chithear diofar shamhlaidhean air na clachan agus nam measg sin iasg a tha coltach ri bradan no breac

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clachan samhla Cruithneach clas 1

CATAIBH: Goillspidh

1980an

Cruithneach; clach samhla; Cataibh; seann; tursa; Caisteal Dhùn Robain; taigh-tasgaidh; iasg

Aonad Airc-eòlas Chomhairle na Gàidhealtachd

Cruinneachadh de chlachan samhla Cruithneach, le inbhe clas 1, air an taisbeanadh aig Taigh-tasgaidh Caisteal Dhùn Robain. 'S e dachaigh shinnsireil cinneadh nan Sutharlanach a th' ann an Caisteal Dhùn Robain, suidhichte ann an Goillspidh. Tha e fosgailte dhan phoball.<br /> <br /> 'S e na Cruithnich an t-ainm a th' air a thoirt do cho-chaidreachas de threubhan a bha ann an ceann a tuath agus an ear na h-Alba a bha ann mus tug na Ròmanaich ionnsaigh air Breatainn, suas chun an deicheamh linn. Thathas den bheachd gun tàinig an t-ainm bhon Laideann 'picti', bho thùs, a' ciallachadh 'daoine air am peantadh'. Tha am beagan air a bheil fios againn mun cultar agus an eachdraidh air a ghleidheadh ann an clachan samhla , leithid an fheadhainn a tha air a taisbeanadh an seo. Chithear diofar shamhlaidhean air na clachan agus nam measg sin iasg a tha coltach ri bradan no breac