Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cathair-eaglais na Cananaich agus Ros Maircnidh
EXTERNAL ID
HC_ARCH3_1983-84_84051019
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Aonad Airc-eòlas Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13246
KEYWORDS
cathair-eaglaisean
tobhtaichean
Fortrose Cathedral and Rosemarkie

'S e seo sealladh àbhaisteach de Chathair-eaglais na Cananaich a' sealltainn fraoidhneas craobhach ealanta aig oir an deilbh air an làimh chlì.

Chaidh Cathair-eaglais na Cananaich a stèidheachadh leis an Easbaig Raibeart anns an 13mh linn an dèidh do Easbaigean Rois gluasad an seo à Ros Maircnidh. Stad an togail tro na Cogaidhean Neo-eisimeileach agus thòisich e a-rithist anmoch anns a' 14mh linn.

Bha e air dhol air ais gu mòr an dèidh an Ath-Leasachaidh agus dh'fhalbh feachdan Oliver Cromwell le tòrr den chloich-ghainmhich a dh'Inbhir Nis gus an dùn aige a thogail. Chaidh a' chòrr gu muinntir a' bhaile gus na taighean aca a thogail.

Chan eil air fhàgail ach taobh a deas na h-eaglais agus an naomh-chiste a tha faisg air làimh den taigh-chaibideil.
Tha trì uaighean le airdse anns na trannsaichean: Euphemia, Ban-Iarla Rois a b'fheudar Alexander Stiùbhart, Madadh Bhàideanach, a phòsadh; Easbaig Raibeart Cairncross a chaochail ann an 1545; agus an t-Easbaig Iain Friseal a chaochail ann an 1507.

Tha mòran leacan marmoir anns a' Chathair-eaglais a bhios a' comharrachadh buill teaghlach MhicChoinnich agus cuimhneachain a chaidh a thogail timcheall air 1800 don Ridire Alexander MacChoinnich, A' Chùil.

B' ann sa Chathair-eaglais a bha a' chùirt aig Coinneach Odhar Fiosaiche

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cathair-eaglais na Cananaich agus Ros Maircnidh

ROS: Ros Mhaircnidh

1980an

cathair-eaglaisean; tobhtaichean