Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dhùn Robain
EXTERNAL ID
HC_ARCH3_1983-84_84071009
ÀITE
Dùn Robain
SGÌRE
Goillspidh, Roaghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Aonad Airc-eòlas Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13247
KEYWORDS
caistealan
Dunrobin Castle

Tha Caisteal Dhùn Robain air a bhith na dhachaigh do Iarlan agus Diùcan Chataibh bho chionn an 13mh linn agus bha iomradh air mar dhachaigh an teaghlaich ann an 1401.

'S e aon de na seachd iarlachdan aosta ann an Alba a bh' ann an Iarlachd Chataibh agus b' e na Suthurlanaich aon de na teaghlaich bu chumhachdaiche ann am Breatainn le mòran cheanglaichean pòsaidh agus fearainn chudromach.

Chaidh Iarlachd Chataibh a chruthachadh ann an 1235 agus tha e coltach gu bheil caisteal air a bhith na sheasamh air an làraich seo bhon uair sin air làrach a bha aig aon àm 's dòcha na dhùn bho na meadhan linntean. Tha an t-ainm Dùn Robain on Ghàidhlig agus 's dòcha gun tàinig an t-ainm bho Raibeart, an siathamh Iarla Chataibh a chaochail ann an 1427.

'S e àite daingeann a bh' anns a' chiad chaisteal le ballachan anns an robh sia troighean de leud agus mullach le bogha a bha na sheasamh air mullach bearraidh. Bha leis fhèin gus an deach staidhre agus taigh àrd a chur ris dà cheud bliadhna no mar sin as dèidh làimhe.

Chaidh a chuartachadh le sreath de leasachaidhean eile bhon t-16mh linn. Chaidh leasachadh mòr a thogail ann an 1785. Ach gu h-iongantach tha a' chiad àite daingeann fhathast ann air a chuarùachadh ged a tha e air atharrachadh gu mòr, am measg nan leasachaidhean seo a tha a' ciallachadh gur e Dun Robain aon de na dachaighean as sine anns a bheil daoine a' fuireach ann an Alba

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture