- TIOTAL
- Caisteal Dhùn Bheithe
- EXTERNAL ID
- HC_ARCH3_1983-84_84071015
- ÀITE
- Dùn Beithe
- SGÌRE
- Gallaibh a Deas
- SIORRACHD/PARRAIST
- GALLAIBH: Latharan
- LINN
- 1980an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Aonad Airc-eòlas Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13250
- KEYWORDS
- caistealan

'S e caisteal air cost an ear Ghallaibh anns a' Ghàidhealtachd a th' ann an caisteal Dhùn Beithe.
Tha an caisteal air a bhith na sheasamh air an rubha chreagach aig Dùn Beithe bho 1428 nuair a bha am fearann aig Iarla Ghallaibh. B' ann aig Clann Mhic na Ceàrdaich bho na Gathan a bha e tro phòsadh eadar an nighean aig Alasdair Suthurlanach agus a' chiad fhear de Chlann na Ceàrdaich a bha na Iarla Ghallaibh an dèidh dha a bhith aig an teaghlach Aonghais.
Thog an teaghlach Mac na Ceàrdaich taigh tùr anns an robh ceithir làir ann an 1620 an àite an togalach a bh' ann agus tha e na phàirt den chaisteal a th' ann an-diugh. Chaidh ionnsaigh a thoirt air ann an 1650 agus chaidh a ghlacadh (cuide ris a' Bh-Uas Nic na Ceàrdaich) le Seumas Greumach, 1d Mharcais Mhon Rois agus cha deach a thilleadh thuca gus an robh buaidh air Montrose aig Blàr Chaabasdail ann an 1650.
Chaidh an caisteal ath-leasachadh gu mòr anns an t-17mh linn leis an Ridire Uilleam Mac na Ceàrdaich agus thachair seo a-rithist ann an 1853 agus 1881. Chaidh an caisteal a reic ann an 1945 an deidh ris an teaghlach Mac na Ceàrdaich a bha a' fuireach ann airson 325 bliadhna.
'S e dachaigh phrìobhaideach a th' anns a' chaisteal an-diugh agus chan eil e fosgailte don mhòr-shluagh