Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - clàrachadh an èisg ghlacte 1880-85
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_086
LINN
1880an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
1338
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
iasgach a' bhradain mara
bradan
gnìomhachas a' bhradain
iasgach a' bhric
breac
iasgach le lìon
West Highland Salmon Fisheries Co. - record of fish caught, 1880-85

Tha an sgrìobhainn seo, a bha am measg phàipearan Chompanaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar, a' clàradh iasgach a' bhradain-mara gu deas air an Eilean Sgitheanach tro na bliadhnaichean 1880 gu 1885. Tha clàrachadh ann air an àireamh de bhradan, bhànag is bhreac a chaidh a ghlacadh an uair 'ud. Tha sgrìobhainn eile na chois ag innse gu robh an t-iasgach air a roinn eadar dà sgìre: Slèite, aig an robh 23 bàta agus MacLeòid, aig an robh 29 bàta. Bha an glacadh air a chlàrachadh a rèir nan stèiseanan-iasgaich san dà sgìre. Am measg sgìre MhicLeòid bha an Rubha, Eineart, Talaisgeir, Sgabhaig, Eilean Shòdhaigh agus Fiosgabhaig agus bha sgire Shlèite a' toirt a-steach Eilean Iarmainn, Armadal, Rubha Shlèite, an Cnoc agus Loch Eiseart.

Tha e inntinneach coimeas a dhèanamh eadar nan clàran seo agus an fheadhainn a chlàraich Seumas Banks bliadhnaichean às dèidh siud. Fad nan còig bliadhna o 1886 gu 1890 san Eilean Sgitheanach a deas tha na seann chlàran a' sealltainn glacadh iomlan de 3304 iasg (351 bhradan, 2,795 bhànag agus 158 bhreac). O 1956 gu 1960, chlàraich Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar, mu thaobh a tuath an Eilein, glacadh iomlan de 3365 iasg (814 bhradan, 2390 bhànag agus 161 bhreac).

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.)
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - clàrachadh an èisg ghlacte 1880-85

1880an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; iasgach a' bhric; breac; iasgach le lìon

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)