- TIOTAL
- Druim na Drochaid
- EXTERNAL ID
- HC_DISPLAYS_001
- ÀITE
- Druim na Drochaid
- SGÌRE
- An Àird
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
- LINN
- 1990an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13390
- KEYWORDS
- bailtean beaga
caistealan
turasachd
lochan
coiseachd

'S e seo dealbh-camara le flùraichean earraich ri taobh Caisteal Urchardain ann am meadhan baile beag Dhruim na Drochaid. Choisinn Druim na Drochaid 'Beautiful Scotland in Bloom, Small Village Trophy' ann an 1997 is 2002.
Tha am baile beag na laighe aig ceann Bàgh Urchardain air cladach an iar Loch Nis. Bho mheadhan an naoidheimh linn deug 's air adhart, bhiodh bàtaichean-smùide a' tadhal aig Laimrig an Teampaill faisg air làimh gus luchd-turais don sgìre a leigeil air tìr. An-diugh tha Druim na Drochaid fhathast na ionad a tha mòr aig luchd-turais, gu h-àraid an fheadhainn aig a bheil ùidh ann an Uilebheist Loch Nis. Do luchd-coiseachd, tha 'Slighe a' Ghlinne Mhòir', rathad-coise anns a bheil 73 mìle a dh'fhaid on Ghearasdan gu ruig Inbhir Nis, a' dol tro Dhruim na Drochaid