Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Plana Òrdanais Inbhir Nis, 1869, Linne Mhoireibh, Scalp Phadruig Mhoir
EXTERNAL ID
HC_INVERNESS_1869_004
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1869
LINN
1860an
CRUTHADAIR
Ordnance Survey
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd, Roinn Seilbh & Ailtirean
AITHNEACHADH MAOINE
13396
KEYWORDS
mapaichean

'S e seo Duilleag IV.9.25 de Phlana Òrdanais Inbhir Nis (1869). Tha e a' sealltainn pìos de Linne Mhoireibh os cionn Inbhir Nis.

'S e an duilleag seo pàirt de Phlana Òrdanais Inbhir Nis, suirbhidh a chaidh a dhèanamh ann an 1868, foillsichte ann an 1869. 'S e an sgèile1:500, a chaidh a chleachdadh o1855, a leig le feart sam bith a bha na bu mhotha na sia òirlich a bhith air a shealltainn, nam measg postaichean-lampa, craobhan, stoban-uisge smàlaidh, gocan uisge, dorsan-làir do dhaoine ('manholes'), staidhrichean, cabhsairean agus starranan gàrraidh. Chaidh planaichean-làir aig togalaichean poblach, leithid eaglaisean, tallannan-baile agus prìosanan, cuideachd a shealltainn. Tha mapaichean dathte air plana Inbhir Nis: dearg a' charmine airson togalaichean de chlach no de bhrioga; glas airson togalaichean fhiodha no mheatailt; odhar sienna (donn-bhuidhe) airson rathaidean; agus gorm airson uisge.

Air a chur air bhonn ann an 1791, sheall Suirbhidh an Òrdanais ri Sasainn a deas an toiseach mus do ghluais iad gu Èirinn sna 1820an agus gu Sasainn a tuath agus Alba sna 1840an. Eadar 1847 is 1895 chaidh seasgad 's a h-aon (trì fichead 's a h-aon) baile Albannach a mhapadh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Plana Òrdanais Inbhir Nis, 1869, Linne Mhoireibh, Scalp Phadruig Mhoir

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1860an

mapaichean;

Comhairle na Gàidhealtachd, Roinn Seilbh & Ailtirean

Ordnance Survey of Inverness, 1869

'S e seo Duilleag IV.9.25 de Phlana Òrdanais Inbhir Nis (1869). Tha e a' sealltainn pìos de Linne Mhoireibh os cionn Inbhir Nis.<br /> <br /> 'S e an duilleag seo pàirt de Phlana Òrdanais Inbhir Nis, suirbhidh a chaidh a dhèanamh ann an 1868, foillsichte ann an 1869. 'S e an sgèile1:500, a chaidh a chleachdadh o1855, a leig le feart sam bith a bha na bu mhotha na sia òirlich a bhith air a shealltainn, nam measg postaichean-lampa, craobhan, stoban-uisge smàlaidh, gocan uisge, dorsan-làir do dhaoine ('manholes'), staidhrichean, cabhsairean agus starranan gàrraidh. Chaidh planaichean-làir aig togalaichean poblach, leithid eaglaisean, tallannan-baile agus prìosanan, cuideachd a shealltainn. Tha mapaichean dathte air plana Inbhir Nis: dearg a' charmine airson togalaichean de chlach no de bhrioga; glas airson togalaichean fhiodha no mheatailt; odhar sienna (donn-bhuidhe) airson rathaidean; agus gorm airson uisge. <br /> <br /> Air a chur air bhonn ann an 1791, sheall Suirbhidh an Òrdanais ri Sasainn a deas an toiseach mus do ghluais iad gu Èirinn sna 1820an agus gu Sasainn a tuath agus Alba sna 1840an. Eadar 1847 is 1895 chaidh seasgad 's a h-aon (trì fichead 's a h-aon) baile Albannach a mhapadh.