Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Plana Òrdanais Inbhir Nis, 1869, Uaigh an Fhir Fhada, an Longman
EXTERNAL ID
HC_INVERNESS_1869_007
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1869
LINN
1860an
CRUTHADAIR
Ordnance Survey
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd, Roinn Seilbh & Ailtirean
AITHNEACHADH MAOINE
13399
KEYWORDS
mapaichean

'S e seo Duilleag IV.13.5 de Phlana Òrdanais Inbhir Nis (1869). Tha e a' sealltainn na sgìre a-null tràigh a tuath Inbhir Nis, agus Uaigh an Longman ann. Cuideachd air a shealltainn air a' mhapa tha sreath de stoban-talmhainn ('butts'), a' sealltainn na sgìre far am biodh cuimse nan gunna a' dol air adhart. ('S e th' ann am 'butt' balla de dh'ùir air cùl na targaid a ghabhas ìsleachadh, sgòradh is àrdachadh gu sàbhailte fhad 's a tha an obair an sàs. Tha e cuideachd a' cur stad air na peilearan bho bhith 'sgapadh air feadh an àite.)

'S e an duilleag seo pàirt de Phlana Òrdanais Inbhir Nis, suirbhidh a chaidh a dhèanamh ann an 1868, foillsichte ann an 1869. 'S e an sgèile1:500, a chaidh a chleachdadh o1855, a leig le feart sam bith a bha na bu mhotha na sia òirlich a bhith air a shealltainn, nam measg postaichean-lampa, craobhan, stoban-uisge smàlaidh, gocan uisge, dorsan-làir do dhaoine ('manholes'), staidhrichean, cabhsairean agus starranan gàrraidh. Chaidh planaichean-làir aig togalaichean poblach, leithid eaglaisean, tallannan-baile agus prìosanan, cuideachd a shealltainn. Tha mapaichean dathte air plana Inbhir Nis: dearg a' charmine airson togalaichean de chlach no de bhrioga; glas airson togalaichean fhiodha no mheatailt; odhar sienna (donn-bhuidhe) airson rathaidean; agus gorm airson uisge.

Air a chur air bhonn ann an 1791, sheall Suirbhidh an Òrdanais ri Sasainn a deas an toiseach mus do ghluais iad gu Èirinn sna 1820an agus gu Sasainn a tuath agus Alba sna 1840an. Eadar 1847 is 1895 chaidh seasgad 's a h-aon (trì fichead 's a h-aon) baile Albannach a mhapadh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Plana Òrdanais Inbhir Nis, 1869, Uaigh an Fhir Fhada, an Longman

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1860an

mapaichean;

Comhairle na Gàidhealtachd, Roinn Seilbh & Ailtirean

Ordnance Survey of Inverness, 1869

'S e seo Duilleag IV.13.5 de Phlana Òrdanais Inbhir Nis (1869). Tha e a' sealltainn na sgìre a-null tràigh a tuath Inbhir Nis, agus Uaigh an Longman ann. Cuideachd air a shealltainn air a' mhapa tha sreath de stoban-talmhainn ('butts'), a' sealltainn na sgìre far am biodh cuimse nan gunna a' dol air adhart. ('S e th' ann am 'butt' balla de dh'ùir air cùl na targaid a ghabhas ìsleachadh, sgòradh is àrdachadh gu sàbhailte fhad 's a tha an obair an sàs. Tha e cuideachd a' cur stad air na peilearan bho bhith 'sgapadh air feadh an àite.)<br /> <br /> 'S e an duilleag seo pàirt de Phlana Òrdanais Inbhir Nis, suirbhidh a chaidh a dhèanamh ann an 1868, foillsichte ann an 1869. 'S e an sgèile1:500, a chaidh a chleachdadh o1855, a leig le feart sam bith a bha na bu mhotha na sia òirlich a bhith air a shealltainn, nam measg postaichean-lampa, craobhan, stoban-uisge smàlaidh, gocan uisge, dorsan-làir do dhaoine ('manholes'), staidhrichean, cabhsairean agus starranan gàrraidh. Chaidh planaichean-làir aig togalaichean poblach, leithid eaglaisean, tallannan-baile agus prìosanan, cuideachd a shealltainn. Tha mapaichean dathte air plana Inbhir Nis: dearg a' charmine airson togalaichean de chlach no de bhrioga; glas airson togalaichean fhiodha no mheatailt; odhar sienna (donn-bhuidhe) airson rathaidean; agus gorm airson uisge. <br /> <br /> Air a chur air bhonn ann an 1791, sheall Suirbhidh an Òrdanais ri Sasainn a deas an toiseach mus do ghluais iad gu Èirinn sna 1820an agus gu Sasainn a tuath agus Alba sna 1840an. Eadar 1847 is 1895 chaidh seasgad 's a h-aon (trì fichead 's a h-aon) baile Albannach a mhapadh.