Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'My Schools and Schoolmasters' (4)
EXTERNAL ID
AB_LL_HUGH_MILLER_04
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Hugh Miller
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
1340
KEYWORDS
claistinneach
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

Tha a' chuibhreann chlaistinneach seo on leabhar fèin-eachdraidheil aig Ùisdean Mac a' Mhuilleir (Hugh Miller) 'My Schools and Schoolmasters', foillsichte an toiseach an 1854. Tha e air a leughadh an seo le Tormod Newton.

'It was a delightful evening - still, breathless, clear - as we swept slowly across the broad breast of Loch Maree; and the red light of the sinking sun fell on many a sweet wild recess, amid the labyrinth of islands purple with heath, and overhung by the birch and mountain-ash; or slanted along the broken glades of the ancient forest; or lighted up into a blush the pale stony faces of the tall pyramidal hills.'

Rugadh is thogadh Ùisdean Mac a' Mhuilleir (Hugh Miller) ann an Cromba. Aig aois 16 chaidh e na phreantas aig clachair, dreuchd a lean e fad 17 bliadhna às dèidh sin. Dh'fhàs an ùidh aige ann am fosailean agus bhiodh e a' rannsachadh chumaidhean-tìre an Eilein Duibh, a' leughadh gu farsainn, gus am b' e fear de na h-eòlaichean a b' ainmeile air saidheansan ùra eòlas-sheann-chnàimhean agus eòlas-chreagan. Sgrìobh e cuideachd artaigil an siud 's an seo don 'Inverness Courier'.

Thàinig Ùisdean a bhith gu dubh an sàs ann am poilitigs na h-eaglaise agus 's e am prìomh neach-naidheachd air Briseadh na h-Eaglaise, na fhear-deasachaidh air 'The Witness' o 1835 gu àm a bhàis. Mharbh e e fhèin le gunna na dhachaigh ann am Portobello ann an 1859 ann an suidheachadh neo-chinnteach, le cuid ag ràdh gu robh rudan ag obair air, coltach ri tinneas eanchainne, fìor sgìths, lionn-dubh agus 's dòcha neo-chomas a bhith a' freagairt a shaidheans ri a chreideamhan cràbhach.

Tha an taigh-còmhnaidh beag ann an Cromba far an d' rugadh e (Hugh Miller's Cottage), an-diugh fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba agus tha taigh-tasgaidh ann de a bheatha agus de obair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'My Schools and Schoolmasters' (4)

ROS: Crombaidh

2000an

claistinneach; cruthan-tìre litreachais

Am Baile

Literary Landscapes: Hugh Miller