- TIOTAL
- Plana Òrdanais Inbhir Nis, 1869, centre of old town
- EXTERNAL ID
- HC_INVERNESS_1869_028
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 1869
- LINN
- 1860an
- CRUTHADAIR
- Ordnance Survey
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comhairle na Gàidhealtachd, Roinn Seilbh & Ailtirean
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13420
- KEYWORDS
- mapaichean
'S e seo Duilleag XII.1.10 de Phlana Òrdanais Inbhir Nis (1869).
'S e an duilleag seo pàirt de Phlana Òrdanais Inbhir Nis, suirbhidh a chaidh a dhèanamh ann an 1868, foillsichte ann an 1869. 'S e an sgèile1:500, a chaidh a chleachdadh o1855, a leig le feart sam bith a bha na bu mhotha na sia òirlich a bhith air a shealltainn, nam measg postaichean-lampa, craobhan, stoban-uisge smàlaidh, gocan uisge, dorsan-làir do dhaoine ('manholes'), staidhrichean, cabhsairean agus starranan gàrraidh. Chaidh planaichean-làir aig togalaichean poblach, leithid eaglaisean, tallannan-baile agus prìosanan, cuideachd a shealltainn. Tha mapaichean dathte air plana Inbhir Nis: dearg a' charmine airson togalaichean de chlach no de bhrioga; glas airson togalaichean fhiodha no mheatailt; odhar sienna (donn-bhuidhe) airson rathaidean; agus gorm airson uisge.
Air a chur air bhonn ann an 1791, sheall Suirbhidh an Òrdanais ri Sasainn a deas an toiseach mus do ghluais iad gu Èirinn sna 1820an agus gu Sasainn a tuath agus Alba sna 1840an. Eadar 1847 is 1895 chaidh seasgad 's a h-aon (trì fichead 's a h-aon) baile Albannach a mhapadh.