Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Càradh na Sligh-uisge Cailleannaich, Cille Chuimein
EXTERNAL ID
HC_INV_AERIAL_005
ÀITE
Cille Chuimein
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh
CRUTHADAIR
Alex Gillespie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13443
KEYWORDS
slighean-uisge
Tòmas Telford
glasan-uisge
Repairs to Caledonian Canal, Fort Augustus

San dealbh-chamara seo on adhar chithear càradh a' dol air adhart air Glasan Sligh'-uisge a' Ghlinne Mhòir ann an Cille Chuimein.

Tha an t-Sligh'-uisge a' ceangal na Corpaich faisg air a' Ghearasdan, ri Clach na h-Airidh an Inbhir Nis agus tha an Canàl mu 60 mìle ann am faid. Chaidh a thogail farsaing gu leòr ann an àiteachan gus an gabhadh e soithichean-gunna a' Chabhlaich Rìoghail aig àm nan Cogaidhean Napòileanach. Dh'fhaodadh na soithichean an uair sin uisgeachan stoirmeil a' Chaoil Arcaich, agus soithichean a' Chabhlaich Fhrangaich, a sheachnadh.Tha a' chuid as motha de shlighe na sligh'-uisge a' dol tro lochan nàdarra - fad Loch Dabhach Phùir, Loch Nis, Loch Omhaich is Loch Lòchaidh. Tha 29 glasan-uisge sa chanàl, is tha ochd dhiubh a' cruthachadh 'Staidhre Neptune', sreath de ghlasan-uisge aig Bainbhidh. Chaidh pàipearan-deilbh a dhèanamh don t-sligh-uisge cho tràth ri 1773 le James Watt ach cha deach a tòiseachadh gu 1803 agus an uair sin 's e Jessop agus Tòmas Telford na dealbhadairean. Ged a chaidh pàirt dheth fhosgladh ann an 1822, chaidh crìoch a chur air a' chanàl ann an 1843-47 aig cosgais, suas ris a' Mhàigh 1849, de £1,311,270

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Càradh na Sligh-uisge Cailleannaich, Cille Chuimein

INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh

slighean-uisge; Tòmas Telford; glasan-uisge

Comhairle na Gàidhealtachd

Highland Council: Inverness Area (1990s)

San dealbh-chamara seo on adhar chithear càradh a' dol air adhart air Glasan Sligh'-uisge a' Ghlinne Mhòir ann an Cille Chuimein.<br /> <br /> Tha an t-Sligh'-uisge a' ceangal na Corpaich faisg air a' Ghearasdan, ri Clach na h-Airidh an Inbhir Nis agus tha an Canàl mu 60 mìle ann am faid. Chaidh a thogail farsaing gu leòr ann an àiteachan gus an gabhadh e soithichean-gunna a' Chabhlaich Rìoghail aig àm nan Cogaidhean Napòileanach. Dh'fhaodadh na soithichean an uair sin uisgeachan stoirmeil a' Chaoil Arcaich, agus soithichean a' Chabhlaich Fhrangaich, a sheachnadh.Tha a' chuid as motha de shlighe na sligh'-uisge a' dol tro lochan nàdarra - fad Loch Dabhach Phùir, Loch Nis, Loch Omhaich is Loch Lòchaidh. Tha 29 glasan-uisge sa chanàl, is tha ochd dhiubh a' cruthachadh 'Staidhre Neptune', sreath de ghlasan-uisge aig Bainbhidh. Chaidh pàipearan-deilbh a dhèanamh don t-sligh-uisge cho tràth ri 1773 le James Watt ach cha deach a tòiseachadh gu 1803 agus an uair sin 's e Jessop agus Tòmas Telford na dealbhadairean. Ged a chaidh pàirt dheth fhosgladh ann an 1822, chaidh crìoch a chur air a' chanàl ann an 1843-47 aig cosgais, suas ris a' Mhàigh 1849, de £1,311,270