Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais na Manachainn (ceann an iar na trannsa)
EXTERNAL ID
HC_INV_BEAULYPRIORY
ÀITE
A' Mhanachainn
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13444
KEYWORDS
manachainnean
Beauly Priory (west end of nave)

'S e seo dealbh-camara de cheann an iar na trannsa aig Eaglais na Manachainn. Tha an Eaglais aig ceann an ear na prìomh cheàrnaig sa Mhanachainn. Chaidh a stèidheachadh mu 1230 le Sir Iain Bisset do na manaich den òrdugh Valliscaulian Frangach. Bha manachainnean cuideachd acasan ann an Àird Chatain ann an Earra Ghàidheal agus aig Plas Càrdain ann an siorrachd Mhoireibh. Chaidh a' mhanachainn a leudachadh agus a h-atharrachadh eadar an 14mh agus an 16mh linn ach às dèidh an Ath-leasachaidh thòisich an togalach a' crìonadh. Sna 1650an thog saighdearan Chrombail air falbh pàirt de na clachan aice gus an cur a-steach don ghearastan ann an Inbhir Nis. Ann an 1901 chaidh pàirt den chuid a tuath aig a' mhanachainn ath-thogail às ùr mar thrannsa tiodhlacaidh do Chlann MhicCoinnich ChinnTàile

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais na Manachainn (ceann an iar na trannsa)

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

manachainnean

Comhairle na Gàidhealtachd

Highland Council: Inverness Area (1990s)