- TIOTAL
- Togalaichean air Stràid an Acadamaidh, Inbhir Nis
- EXTERNAL ID
- HC_INV_BSIB_FLOWERS_002
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- LINN
- 1990an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13445
- KEYWORDS
- sràidean
fùirneisean
innleadaireachd
tàthadh

Tha Sràid an Acadamaidh air an robh an t-Sràid Ùr roimhe, a' faighinn ainm o sheann togalach Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Bha i air a cleachdadh mar sgoil gu 1895, nuair a ghluas an Acadamaidh gu Rathad Midmills.
Tha an togalach, anns a bheil taigh-seinnse Èireannach an seo, air oisean Sràid an Acadamaidh agus Sràid an Ròis. Chaidh a dhealbhacadh ann an 1893 leis na h-ailtirean Ros agus Mac Bheatha à Inbhir Nis, mar bhathar thaighean do Fhùirneis Sràid an Ròis.
Chaidh an fhùirneis a stèidheachadh ann an 1872. 'S e 'The Northern Agricultural Implement and Foundry Company Limited' a bh' air an toiseach. A thuilleadh air innealan àiteachais a dhèanamh, bhathar ag obair air Rèile na Gaidhealtachd is a' dèanamh obair-iarainn airson thogalaichean a bh' air an deilbh leis an ailtire Alasdair Ros. B' e A I Welders a thugadh air Fùirneis Sràid an Ròis na b' anmoiche